"Èisteachd" ri gearainean ChnES do ChalMac

MV Loch Seaforth
Image caption Tha an soitheach gus tòiseachadh air an t-slighe air an 8mh là den t-Sultain.

Thuirt riochdairean bho Chomhairle nan Eilean Siar gun d' fhuair iad deagh èisteachd aig coinneimh còmhla ri Caledonian Mac a' Bhriuthain Dimàirt, far an do thog iad air sreath de dhraghan mun t-seirbheis a tha an sgìre a' faighinn bhon chompanaidh.

Tha a' Chomhairle ag ràdh gu bheil feum fhathast air an tuilleadh soilleireachaidh air cuid de phuingean ge-tà, an clàr-ama a bhios aig a' bhàt'-aiseig ùr an MV Loch Seaforth nam measg.

"'S e coinneamh gu math feumail a bh' ann," thuirt Cathraiche Comataidh Còmhdhail na Comhairle, Iain MacAoidh.

"Bha a h-uile duine leis a' ghearain aige fhèin, 's fhuair sinn freagairtean - cuid nach robh a' còrdadh rinn, 's feadhainn a bha a' còrdadh rinn.

"Saoilidh mi gun d' fhuair na draghan èisteachd an-diugh. Nas motha na bh' againn ron seo.

"Gheall iad rinn an-diugh gun sealladh iad ri mar a bhathas a' bùcadh air-loidhne. Bha feadhainn air bùcadh air-loidhne ron seo, agus bha iad a' cantainn riutha nach robh rùm air a' bhàta nuair a ràinig iad an cidhe," thuirt e.

Cidheachan

Thuirt Mgr MacAoidh nach b' urrainn do ChalMac gealltainn gum biodh a h-uile càil deiseil aig Cidhe Steòrnabhaigh air thoiseach air tòiseachadh a' bhàt'-aiseig ùir san t-Sultain.

"Thuirt iad dìreach gun robh iad an dòchas. Chan eil mi a' smaoineachadh gum bi dad de thrioblaid le Ulapul. Tha iad air a bhith ag obair air sin o chionn mìos no an còrr.

"'S ann an-dràsta a thathas a' tòiseachadh air Steòrnabhagh, agus tha barrachd obrach ri dhèanamh ann an Steòrnabhagh.

"Ach tha iad an dòchas gum bi an cidhe deiseil airson toiseach an t-Sultain, nuair a thig am bàta ùr," thuirt e.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile