Inbhe na Gàidhlig ga h-àrdachadh aig UHI
- Air fhoillseachadh
Thathas an dòchas inbhe na Gàidhlig air feadh lìonra Oilthigh na Gàidhealtachd 's nan Eilean a leasachadh tro phlana Ghàidhlig ùr an oilthigh.
Bha coinneamh aig Sabhal Mòr Ostaig Dimàirt airson meòrachadh air a' phlana.
"Tha e cudromach a bhith a' sealltainn, chan ann dìreach mu dheidhinn Sabhal Mòr a tha a' Ghàidhlig, ach tha iad ag amas air a' Ghàidhlig a sgaoileadh air feadh an lìonra gu na com-pàirtichean," thuirt Scotaidh Mac Con Ullaidh, a tha na riochdaire do Chomunn nan Oileanach air Bòrd Dealbhachaidh a' Phlana.
"Tha e cudromach gu bheil iad a' faicinn gu bheil a' Ghàidhlig cudromach do na colaistean eile air feadh na Gàidhealtachd.
"Agus tha ceist ann air dè tha fa-near don oilthigh a thaobh a bhith a' brosnachadh na Gàidhlig air feadh an lìonra, gu h-àraidh aig na colaistean ann an coimhearsnachdan far a bheil a' Ghàidhlig dualchasach don choimhearsnachd sin," thuirt e.