Aonta air cuotathan an rionnaich

Rionnach Image copyright EyeWire Inc
Image caption Tha buaireadh air a bhith a' dol mu chuotathan an rionnaich.

Chaidh aonta a ruighinn a bheir am buaireadh leis na h-Eileanan Fàrach mu chuotathan rionnach gu crìch.

Gheibh na bàtaichean Fàrach 13% den chuota, le 72% a' dol chun an AE agus Nirribhidh.

Cha deach aonta a ruighinn le Innis Tìle fhathast, ach tha dòchas ann gun tèid tuilleadh chòmhraidhean a chumail.

Tha buaireadh air a bhith a' dol eadar an AE, Innis Tìle agus na h-Eileanan Fàrach bho chuir iad cuotathan an-àirde ann an 2010.

Thuirt iasgairean Albannach gun do ghèill gach taobh gu ìre.

Tuitidh na cuotathan Albannach, ach tha na h-iasgairean ag ràdh gu bheil piseach a' tighinn air na stocan èisg.

Chaidh 15.6% a chomharrachadh do dh'Innis Tìle agus don Ruis.

Tha dòchas ann nach fhada gus am faigh iasgairean Albannach gu uisgeachan nan Eileanan Fàrach.