Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

13 Am Màrt 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tubaist Super-Puma

Dhearbh sgrùdadh air mar a chaill 16 duine am beatha ann an tubaist heileacoptair sa Chuan a Tuath gum bitheadh e air a bhith comasach an tubaist a sheachnadh. Chaidh na fhuair an rannsachadh tubaist bhàsmhoir fhoillseachadh anns an uair de thìde a dh'fhalbh. Thachair an tubaist ann an 2009 nuair a thàinig an Super-Puma sìos dhan mhuir, agus i mu 11 mhìle a-mach bho Cheann Phàdraig. Dh'iarr teaghlaichean an fheadhainn a bhàsaich gum biodh sgrùdadh eucoir ann a-nis.

An Ugràin

Thug Seansalar na Gearmailt, Angela Merkel, rabhadh seachad gum biodh droch bhuaidh ann nan cumadh Mosgo orra le iomairt armaichte anns an Ugràin. Chan ann a-mhàin dhan Ugràin, ach dhan Aonadh Eòrpach agus dhan Ruis fhèin. A' bruidhinn mu choinneimh Pàrlamaid na Gearmailt, thuirt a' Bh.Ph. Merkel mur a h-atharraich an Ruis a slighe, gu bheil ceannardan Eòrpach deiseil agus deònach gus dèiligeadh ris an t-suidheachadh le bhith a' toirt buaidh air an Ruis gu h-eaconamach.

Mailèisia

Tha na h-ùghdarrasan ann am Mailèisia a' cumail a-mach nach eil dealbhan saideil Sìonach de sprùilleach air bàrr na mara ceangailte ri mar a chaidh itealan a dhìth tràth madainn Disathairne. Tha iad cuideachd air a dhol às àicheadh aithrisean gun tàinig fiosrachadh bho einnsinnean Rolls Royce an itealain a bha a' sealltainn gun robh e fhathast ri sgèith ceithir uairean de thìde an dèidh dha a dhol à sealladh.

Aodach leanabain

Dh'iarr na Poilis fiosrachadh an dèidh mar a chaidh aodach leanabain a lorg an-dè air staran anns a' Ghearasdan. Chaidh rannsachadh a dhèanamh le oifigearan Poilis air Slighe a' Phlantation an-dè sa bhaile an dèidh mar a chaidh an t-aodach a lorg. Chan eil na Poilis air càil a ràdh mu aithrisean gun robh fuil air an aodach. Dh'iarr iad air duine sam bith aig a bheil fiosrachadh, a dhol thuca.

Ionadan-Seirbheis

Beachdaichidh comhairlichean Gàidhealach an-diugh air na tha an dàin do lìonra nan ionadan-seirbheis aca. Tha dùil gun aontaich iad buidheann-obrach a chruthachadh a nì co-chomhairleachadh thairis air 15 mìosan air dè bu chòir tachairt dha na h-ionadan an dèidh do dh'oifigich moladh gun deadh dà thrian dhiubh a dhùnadh. Thèid iarraidh orra cuideachd faisg air £67,000 a chur mu seach airson leasachadh a dhèanamh air làrach-lìn na Comhairle.

Ospadal an Eilein Sgitheanaich

Thèid innse do cheannardan slàinte na Gàidhealtachd an ath-sheachdain gum bu chòir ospadal ùr a bhith air a stèidheachadh san Ath Leathann san Eilean Sgitheanach. Tha a' bhuidheann-stiùiridh a th' air a bhith a' rannsachadh sheirbheisean slàinte agus cùraim anns an Eilean Sgitheanach, Loch Aillse agus Iar-Dheas Rois cuideachd a' moladh ionad slàinte nas lugha anns nach bi leapannan ospadail ann am Port Rìgh. Thèid na molaidhean mu choinneimh Bòrd NHS na Gàidhealtachd air an ath-mhìos.