Dàil air dùnadh ionadan-seirbheis

Comhairle na Gàidhealtachd
Image caption Nì a' Chomhairle leasachaidhean air an làraich-lìn aca.

Bhòt Comhairlichean na Gàidhealtachd airson dàil co-dhiù 15 mìosan a chur ann am planaichean gus dà thrian de dh'ionadan-seirbheis na comhairle a dhùnadh.

Bheir na h-ionadan cothrom do dhaoine comhairle fhaighinn aghaidh ri aghaidh air seirbheisean na comhairle.

Bha oifigich na Comhairle a' moladh 23 de na 35 ionadan a dhùnadh, cuid dhiubh ann an àiteachan dùthchail leithid Diùrnais, Ath Tharracail agus Geàrrloch.

Aig coinneimh ann an Inbhir Nis, bhòt buill 43-31 airson ath-sgrùdadh a dhèanamh den fheum a tha ga dhèanamh de na h-ionadan.

Dàil

Thuirt a' Chomhairle gun leigeadh an dàil leotha cuideachd leasachaidhean luach £68,500 a thoirt air an làraich-lìn aca.

Tha feadhainn a tha an aghaidh dùnadh nan ionadan-seirbheis ag ràdh gum bualadh e air seann daoine aig nach eil coimpiutairean, 's a tha a' crochadh air na h-ionadan as fhaisge orra airson comhairle fhaighinn mu sheirbheisean comhairle.

Tha oifigich na Comhairle ag ràdh nach eil uiread de dh'iarrtas ann a-nis airson nan ionadan.

Thuirt iad cuideachd gun robh cha-mhòr trian de luchd-cleachdaidh ag iarraidh seirbheisean fhaighinn air-loidhne.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile