Adhbhar gairm ga dhiùltadh leis na Poilis

  • Air fhoillseachadh

Tha Poilis na h-Alba a' diùltadh innse carson a chaidh an gairm gu tachartas aig taigh-òsta ann an Srath Spè.

Bha na h-uimhir de dh'oifigearan agus co-dhiù còig carbadan poilis an làthair aig an taigh-òsta ann an Drochaid Charra Diardaoin, agus chaidh cur a dh'iarraidh oifigearan forenseach airson sgrùdadh a dhèanamh air carbad le uinneag bhriste ann am pàirce-charaichean an togalaich.

Bha co-labhairt de Chomann Rìoghail Dìon nan Eun ga cumail san taigh-òsta, agus tha e air a thuigsinn gun deach cuid de na bha an làthair an ceasnachadh leis na Poilis.