Cupa na Lìge le Obar Dheathain

Cuairt Dheireannach Image copyright SNS
Image caption Adam Rooney is Obar Dheathain air an dòigh ach tàmailt do Ghreg Tansey is Caley Thistle.

Bhuannaich Obar Dheathain a' chiad duais mhòr aca ann an 19 bliadhna is iad a' togail Cupa na Lìge air breaban-peanais an aghaidh Chaley Thistle Inbhir Nis.

Dh'fhulaing na Dons buile ro làimh is Peadar Pawlett a' tarraing a-mach, is thàinig buile eile tràth sa gheama is Johnny Hayes a' dol dheth is e air a ghualain a ghoirteachadh.

Thug e ùine 'son a' chiad dheagh chothrom - agus 's ann gu Obar Dheathain a chaidh e le 25 mionaidean air a' chleoc, am ball a' bualadh air a' phost, is an uair sin e air a chlèaradh far na loidhne le Richie Foran.

Bha Obar Dheathain an uair sin den bheachd gun robh còir aca air breab-peanais fhaighinn nuair a chaidh Adam Rooney sìos sa bhocsa, ach cha do dh'aontaich an rèitire.

Mearachd

Dh'fhàs sgioba Inbhir Nis na bu làidire san dàrna leth, ged nach b'urrainn dhaibh brath a ghabhail air mearachd bho Jamie Langfield is e air ball àrd a-steach dhan bhocsa a chall san adhar.

Bha iad ag èimheach an uair sin 'son breab-peanais is coltas ann gun robh Andrew Considine a' cumail grèim air Richie Foran.

'S ann aig an taobh eile a thuit an cothrom as fheàrr den gheama le dìreach trì mionaidean air fhàgail is Niall McGinn troimhe air Dean Brill, ach chuir e am ball àrd seachad air a' phost.

B' e Caley Thistle an sgioba a b'fheàrr ann an ùine a bharrachd le Aaron Doran is Nick Ross air diofar a dhèanamh às dèidh dhaibh tighinn far a' bheingidh.

Breaban-peanais

Cha tàinig tadhal ge-tà, is chaidh na sgiobaidhean gu breaban-peanais.

Cha b' urrainn do dh'Inbhir Nis a bhith air toiseach-tòiseachaidh na bu mhiosa a dhèanamh le Billy MacAoidh is Greg Tansey a' faileachadh leis an ciad dà oidhirp.

Chaidh an còrr a-staigh ach cha do rinn na Dons mearachd idir agus 's e fear a bha uair a' cluich do Chaley Thistle, Adam Rooney, a chuir am ball dhan lìon gus na breaban-peanais a bhuannachadh 4-2 agus an cupa a chur dhan ear-thuath.

Tha sgioba Derek MhicAonghais fhathast ann an Cupa na h-Alba is bidh iad an dòchas a-nise gur e toiseach-tòiseachaidh a tha seo dhaibh is gum bi an dàrna duais aca ro dheireadh an t-seusain.