Fireannach air a leòn ann an tubaist-rathaid

  • Air fhoillseachadh

Chaidh fireannach a thoirt dhan ospadal an dèidh tubaist-rathaid tràth madainn Didòmhnaich san Eilean Sgitheanach.

Thathas a' tuigsinn gur ann bhon sgìre fhèin a tha an duine, aois 38.

Thàinig an càr aige far an A87 eadar Port Rìgh agus Ùige aig Borbh mu chairteal an dèidh uair.

Chaidh a ghoirteachadh gu dona agus a thoirt gu Ospadal an Ath Leathainn.

Ach an dèidh sin, chaidh a ghiùlain le heileacoptair gu Ospadal an Southern General ann an Glaschu.

Chaidh an rathad a dhùnadh airson còrr air seachd uairean de thìde fhad 's a lean rannsachadh nam poileas.

Cha robh carbad eile an sàs.