Na daoine bochda as motha a dh'fhulaingeas

Jim Murphy Image copyright Reuters
Image caption Canaidh Jim Murphy gur iad an fheadhainn as miosa dheth as motha a chailleas gu h-eaconamach, ma bhòtas daoine airson neo-eisimeileachd na h-Alba.

'S iad an fheadhainn as bochda sa choimhearsnachd as motha a dh'fhulaingeas ma bhòtas daoine airson neo-eismeileachd na h-Alba, a rèir Rùnaire Dùbhlanach an Leasachaidh Eadar-nàiseanta, Jim Murphy.

Bheir am Ball-Pàrlamaid Làbarach a' bheachd sin am follais 's e gu bhith a' bruidhinn às leth na buidhne iomairt "Nas Fheàrr Còmhla".

Ach, tha Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba air beachdan Mhgr Murphy a' chàineadh.

Canaidh Jim Murphy, a bha roimhe na Rùnaire Albannach, gur iad an fheadhainn as miosa dheth as motha a chailleas gu h-eaconamach, ma bhòtas daoine airson neo-eisimeileachd na h-Alba.

Cosgaisean

Bidh iad nas miosa dheth, canaidh e, ri linn 's gum bi cosgaisean nas motha air gnothaichean leithid morgaidsean agus cairtean creideis ann an dùthaich neo-eisimeileach - cosgaisean ris a bheil mòran a' strì mar-thà.

Canaidh e gun cuir figearan a chaidh fhoillseachadh roimhe le Institiud Nàiseanta an Rannsachadh Eaconamaich taic ris a' bheachd seo.

Tha Mgr Murphy a' toirt a bheachdan am follais às dèidh do chunntasan-bheachd sealltainn gu bheil daoine ann an sgìrean bochda, a tha a' cosnadh aig an ìre as isle, nas buailtiche bhòtadh airson neo-eisimeileachd na daoine ann an sgìrean beartach an h-Alba.

Canaidh e gu bheil an SNP air a bhith ag iomairt gu sònraichte gus taic nan daoine seo fhaighinn o chionn dà bhliadhna, 's gur ann nas miosa dheth a bhiodh iad fo neo-eisimileachd na h-Alba.

Mar sin, bidh òraid Mhgr Murphy ag amas air an 300,000 dachaigh ann an Alba far a bheil daoine a' cosnadh aig an ìre as isle, 's a tha fhathast gun co-dhùnadh mar a bhòtas iad san referendum san t-Sultain.

Càineadh

Image caption Thuirt Bob Doris gur ann nas fheàrr dheth a bhios iad seo fo neo-eisimeileachd, air grunn adhbharan.

Tha Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba air na beachdan seo a chàineadh.

Thuirt am Ball-Pàrlamaid Nàiseanta ann an Holyrood, Bob Doris, gur e a tha seo ach an iomairt an aghaidh neo-eisimeileachd a-rithist a' feuchainn ris an t-eagal a chur air an fheadhainn as motha a gheibh buannachd bho neo-eisimeileachd na h-Alba, leithid luchd-glanaidh agus portairean ospadail.

Thuirt Mgr Doris gur ann nas fheàrr dheth a bhios iad seo fo neo-eisimeileachd, air grunn adhbharan - nam measg, gum biodh am bun-thuarastal ag èirigh a rèir ìre na h-atmhorachd agus gum biodh cosgaisean nas ìsle orra a thaobh cùraim chloinne.

Thuirt e cuideachd gu bheil Alba air tè de na dùthchannan as beartaiche san t-saoghal, 's gun tèid beartas na dùthcha a roinn eadar a h-uile neach, agus nach e Roinn an Ionmhais ann an Westminster a-mhàin a bhios a' faighinn buannachd à Alba neo-eisimeileach.

Tha na beachdan seo a' tighinn bho Mhgr Murphy agus dùil gun innis ceannard Albannach nan Làbarach, Johann NicLaomainn, Dimàirt dè na cumhachdan a bharrachd a bheireadh na Làbaraich do dh'Alba ma dh'fhuiricheas i taobh a-staigh an Aonaidh.

Tuilleadh air an sgeulachd seo