A' leasachadh rathaid cnàimh-droma nan Eilean Siar

Uibhist a Tuath Image copyright Geograph/Hugh Venables
Image caption Ged nach eil ceann-là sònraichte aig Mgr MacAoidh, tha dùil gun tòisich an obair anns na dhà no trì sheachdainnean a tha a' tighinn.

Thèid tòiseachadh anns na seachdainean ri tighinn air dà phròiseict a chosgas còrr air £2m, mar phàirt de phoileasaidh rathad cnàimh-droma nan Eilean Siar a dhèanamh dà-fhillte.

Tha mòran obrach fhathast ri dhèanamh agus leis an sporan cho gann, tha ceist ann cuin a ghabhas a choileanadh gu lèir.

Dh'innis Cathraiche Còmhdhail Chomhairle nan Eilean Siar, Iain MacAoidh, gun deach an dà sgeama rathaid a chur air chois o chionn dhà no trì bhliadhnaichean.

Thuirt Mgr MacAoidh gun robh e toilichte gu bheil na sgeamaichean air a thighinn am bàrr agus, ged a thug iad greiseag a' tighinn troimhe, gu bheilear taingeil gu bheilear gus tòiseachadh orra.

Ceann-là

Ged nach eil ceann-là sònraichte aig Mgr MacAoidh, tha dùil gun tòisich an obair anns na dhà no trì sheachdainnean a tha a' tighinn.

"Tha e gu math faisg. Tha mi a' smaoineachadh gu bheil Uibhist a' dol a thòiseachadh an toiseach," dh'innis e.

Tha e air a bhith na phoileasaidh aig a' Chomhairle fad iomadh bliadhna gum bi rathad chnàimh-droma nan Eilean, mar a th' aca air, dà-fhìllte, ach tha slighe ri dhol fhathast.

Le suidheachadh an airgid mar a tha e, chan urrainnear ceann-là a chur ri crìoch na pròiseict.

Dà-fhillte

"Bidh dhà no trì bhliadhnaichean ann co-dhiù, thuirt Mgr MacAoidh, leis gu bheil pìosan mòra de rathaidean fhathast ri dhèanamh dà-fhillte.

Le taic-airgid a' tighinn às an Roinn Eòrpa, à Lunnainn agus à Dùn Èideann, feumar feitheamh gus am bi an t-airgead uile air a chur comhla mus urrainnear a dhol air adhart le na pròiseictean.

Bidh duilgheadasan eile a' nochdadh cuideachd, leithid iarrtasan gan cur a-steach airson sgeamaichean rathaid eile.

Tha a' Chomhairle dòchasach nach toir an rathad buileach fada ga chrìochnachadh, le dùil gun toir e co-dhiù dà bhliadhna.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile