C Diff san Ràthaig Mhòir a-rithist
- Air fhoillseachadh
Tha uard 5C ann an Ospadal an Ràthaig Mhòir ann an Inbhir Nis dùinte do dh'euslaintich ùra, às dèidh mar a chaidh dà chùis den ghalar C Diffiicile a dhearbhadh ann.
Tha NHS na Gàidhealtachd ag ràdh ge-tà, gu bheil an suidheachadh aca fo smachd.
Ged a bhios am bacterium C Difficile a' nochdadh ann an uardan ospadail bho àm gu àm, tha an dà chùis dheth a chaidh a dhearbhadh ann an uard 5C ann an Ospadal an Ràthaig Mhòir nas àirde nan abhaist.
Tha NHS na Gàidhealtachd a-nis air an uard a dhùnadh do dh'euslaintich ùra airson leigeil le obair-glanaidh mhionaideach a bhith air a dèanamh.
Thuirt an Dotair Jonty Mills, a tha na àrd-mhicrobiologist ann an Ospadal an Ràthaig Mhòir, gun d' fhuair iad smachd air a' ghalair aig ìre thràth, agus gur e glè bheag de chunnart a th' ann gun sgap e gu euslaintich eile, luchd-tadhail neo luchd-obrach an ospadail.