Ceistean luchd-gnìomhachais gan togail
- Air fhoillseachadh
Tha ceannardan ghnìomhachais na h-Alba a' faicinn barrachd chunnartan na cothroman an lùib Alba a bhith na dùthaich neo-eisimeilich.
Lorg sgrùdadh a rinn Oilithigh Dhùn Èideann gur iad gnothachasan a tha stèidhichte an Alba, ach a' crochadh air luchd-ceannaich sa chòrr den Rìoghachd Aonaichte as dualtaiche planaichean a chur air dòigh mu choinneimh na buaidhe am bheireadh neo-eisimeileachd orra.
Dh'fhaighnich an t-Àrd-Oll. Brad MacAoidh bho Oilithigh Dhùn Èideann de 60 ceannard gnìomhachais am beachd mu neo-eisimeileachd do dh'Alba.
Thuirt dìreach sianar gu bheil iad a' faicinn barrachd chothroman na cunnartan, ged a thuirt dìreach còignear gun tug an deasbad mu neo-eisimeileachd buaidh air na co-dhùnaidhean gnìomhachasail aca.
Chaidh a' cheist mun t-seòrsa airgid a bhiodh air a chleachdadh fhaicinn mar an cunnart a bu mhotha.
'S bha cuideachd ceist aig cuid mu a bhith a' faighinn a-steach do na margaidhean Eòrpach nam biodh Alba neo-eisimeileach.
Am measg nan cothroman a chaidh fhaicinn, bha gum biodh barrachd taic ann bhon Riaghaltas do ghnìomhachasan agus gum biodh poileasaidh in-imreachd nas fhosgailte ann.
Thuirt an iomairt Nas Fheàrr Còmhla gu bheil a' mhì-chinnt mun airgead a bhios air a chleachdadh ann an Alba neo-eisimeileach a' cur obraichean ann an cunnart.
Thuirt Riaghaltas na h-Alba gu bheil an dùthaich mar tha a' tàladh ghnìomhachasan bho thall-thairis, agus le aonadh-airgid, ballrachd 's an Aonadh Eòrpach agus planaichean airson cìsean a ghearradh, gu bheil iad airson fàs ann an gnìomhachas na h-Alba a bhrosnachadh.