Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

18 Am Màrt 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

An Referendum

Tha ceannard nan Làbarach ann an Alba, Johann Nic Laomainn an-dràsta fhèin a' mìneachadh planaichean a' phàrtaidh airson tuilleadh chumhachdan do Holyrood ma bhòtadh Alba an aghaidh neo-eisimeileachd anns an referendum. Tha i ag ràdh gum bi iad a' gabhail a-steach barrachd smachd air cìs chosnaidh agus air sochairean taigheadais. Tha i gam foillseachadh air an dearbh là le sia mìosan gus am bi an referendum ann.

Aig a' cheart àm, thuirt Leas-Phrìomh Mhinistear na h-Alba, Nicola Sturgeon, gu bheil cùisean a' coimhead gealltanach a-nise airson neo-eisimeileachd barrachd taic a chosnadh. An-diugh fhathast bheir i seachad sia adhbharan sònraichte airson am bu chòir bhòtadh airson neo-eisimeileachd anns an referendum.

Cead an Telebhisein

Chuir ceud gu leth Ball-Pàrlamaid an ainm ri gluasad airson an lagh atharrachadh gus nach e eucoir a bhios ann gun cìs an telebhisein a phàigheadh. Dheadh cùis shìobhalta a dhèanamh dheth an àite cùis eucoir. Ach tha am BBC ag ràdh gum bi e a' ciallachadh gu feuch barrachd dhaoine ris a' chìs a sheachnadh.

Caisteal Leòdhais

Dh'fhoillsich a' chompanaidh thurasachd Natural Retreats fiosrachadh mu am planaichean airson Caisteal Leòdhais. Bidh àite ann airson leth cheud leabaidh 's a còig - uile aig fìor àrd-ìre còig rionnagan. Bidh goireasan ann an cuid aca airson daoine biadh a dhèanamh dhaibh fhèin. Tha iad ag ràdh gum bi na goireasan sùbailte airson 's gun gabh rùmanan toirt seachad air leth no còmhla do theaghlach, a rèir feumalachdan dhaoine.

L'Wren Scott

Chuir na Rolling Stones dheth a' chiad chuirm den chuairt aca ann an Astràilia an dèidh do leannan Sir Mick Jagger làmh a chur na beatha fhèin. Fhuaireadh an dealbhadair aodaich L'Wren Scott marbh na dachaigh ann an New York an-dè. Bha còir aig a' chòmhlan cluiche ann am Peairt an Astràilia a-màireach.

Ionmhas

Tha mu chairteal den t-sluagh fo throm-uallach mu shuidheachadh an ionmhais aca, a rèir rannsachaidh a rinn am BBC. A dh'aindeoin 's gu bheil an eaconamaidh a' togail oirre, tha seachdnar às gach deichnear ann am Breatainn a' faireachdainn nach tig piseach sam bith air an ionmhas phearsanta aca am bliadhna. 'S e cosgais bidhe agus leithid gas is dealain as motha a tha a' dèanamh dragh dhaibh.

Tràighean

'S e tràigh Inbhir Narann an tè as fheàrr an Alba, a rèir TripAdvisor. Tha i anns an deicheamh àite air an liosta airson nan tràighean as fheàrr ann am Breatainn. Bha Tràigh Losgantir anns na Hearadh aig àireamh trì deug ann am Breatainn.