Obair an A9 air thoiseach air clàr-ama

  • Air fhoillseachadh

Nochd fiosrachadh ùr Diciadain mun chlàr-ama a tha na amas aig Riaghaltas na h-Alba airson leasachadh a thoirt air prìomh rathad na Gàidhealtachd, an A9, eadar Inbhir Nis is Peairt.

Thuirt Ministear na Còmhdhail, Keith Brown, gun tèid tòiseachadh air an obair eadar Dail Chuinnidh agus a' Chrùbainn Mhòr, agus eadar Tom Aitinn agus a' Mhòigh, ann an 2017.

Thèid cuideachadh tòiseachadh air an earrainn eadar Longartaidh agus Biorman ann an 2017.

Bidh an obair, a chosgas £3bn uile gu lèir, deiseil ann an 2025.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh