Turas a Hiort sa bhliadhna 1880

Sràid a' Bhaile, Hiort
Image caption 'S e Hiort an t-àite as iomallaiche ann an eileanan Bhreatainn.

Thèid taisbeanadh ùr mu Hiort a stèidheachadh ann an Taigh Chearsabhagh ann an Loch nam Madadh.

Am measg eile, gheibh an luchd-tadhail cothrom turas a ghabhail air feadh an Eilein gus faicinn mar a bha e aig deireadh na 19mh Linne.

Ach gu neo-àbhaisteach, 's ann tro ath-chruthachadh coimpiutair - no virtual tour - a ghabhas seo a dhèanamh.

'S e Hiort an t-àite as iomallaiche ann an eileanan Bhreatainn.

Ged a chòrdadh e ri gu leòr dhaoine a dhol ann, chan eil e glè fhurasta sin a dhèanamh.

Taisbeanadh

Ach, airson trì mìosan am-bliadhna, bheir taisbeanadh ùr ann an Uibhist cothrom a dhol air fheadh tro dheilbh choimpiutair.

Thuirt Tormod MacLeòid, a tha na Fhear-stiùiridh aig Taigh Chearsabhagh: "Chan eil ach trì no ceithir mìle a' faighinn a-null gu Hiort a h-uile bliadhna.

Bheir an taisbeanadh eadar-gnìomhach seo, a chaidh a chruthachadh le Oilthigh Chille Rìmhinn, cothrom do dhaoine toglaichean an eilein fhaicinn air film ann an cruth didseatach.

Dh'innis Ailean Mac a' Mhuillear, a tha a' teagasg aig Oilthigh Chille Rìmhinn, gum faicear na cruthan-tìre, na taighean agus na togalaichean.

Eadar-gnìomhach

Thuirt e cuideachd gum bithear comasach gluasad mun cuairt agus rannsachadh a dhèanamh.

Cluinnear cuideachd fuaimean, leithid na h-eòin agus a' mhuir, a thuilleadh air òrain agus sgeulachdan an eilein.

Gheibhear air a dhol am broinn na h-eaglaise agus chithear seòrmraichean air taobh a-staigh nan taighean.

Canar gum bu chòir do gach duine a thadhaileas air an taisbeanadh a bhith a' faireachdainn mar gum biodh iad air tadhal air Hiort fhèin, mun bhliadha 1880.

Fosglaidh an taisbeanadh ann an Taigh Chearsabhagh sa Chèitean.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile