A' Ghàidhlig sa chunntas-sluaigh

Loch Aineort an Uibhist a Deas Image copyright Geograph/Hugh venables
Image caption 'S ann an Uibhist a Deas as làidire a tha a' chànain air feadh nan diofar aoisean, le timcheall air 75% de dhaoine le comas Gàidhlig air choireigin.

Tha figearan bhon chunntas-sluaigh mu dheireadh a' sealltainn gu bheil a' Ghàidhlig am measg na h-òigridh fada air dheireadh na tha i do dhaoine nas sine air taobh tuath Leòdhais.

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Beachd Ruairidh MhicÌomhair à Leòdhas air figearan iondal na Gàidhlig.

Ged a tha sin ri fhaicinn ann an iomadh sgìre thraidiseanta, chan eil an sgaradh cho mòr 's a tha e ann an Ceann a Tuath Leòdhais - a' gabhail a-steach An Rubha agus sgìre Nis. 'S ann an sin a tha a' bheàrn as motha eadar sean is òg.

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Beachd Anndra Dunn à Leòdhas air figearan ionadal na Gàidhlig.

Ann an 2011, bha comas Gàidhlig aig 78.8% de dhaoine nas sine na 65 bliadhna de dh'aois.

Ach, am measg dhaoine fo aois 18 bliadhna, tha sin a' tuiteam gu 43.7%.

Àireamhan

'S ann an Uibhist a Deas as làidire a tha a' chànain. Tha comas Gàidhlig aig cha 75% de dhaoine, sean agus òg, agus 's e glè bheag de dh'eadar-dhealachadh a th' ann eadar na h-aoisean.

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Beachd Alana NicAonghais às Uibhist a Deas air figearan ionadal na Gàidhlig.

Tha àireamhan luchd-labhairt na Gàidhlig air a bhith a' crìonadh san Eilean Sgitheanach airson ùine nas fhaide na anns na h-Eileanan an Iar.

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Beachd Kerr Gibb às an Eilean Sgitheanach air figearan ionadal na Gàidhlig.

Ann an sgìrean traidiseanta an Eilein Sgitheanaich, tha a' Ghàidhlig a' crìonadh am measg an fheadhainn as sine, ach a' fàs am measg na h-òigridh.

Ann an Slèite agus na h-Eileanan Beaga, tha Gàidhlig aig an dara leth de chloinn-sgoile, agus aig 40% de dhaoine eadar 18 agus 34. Tha sin nas àirde na tha i am measg dhaoine nas sine na 65 bliadhna de dh'aois.

Tha Port Rìgh, Snìosort agus Tròdairnis cha-mhòr co-ionnan eadar sean is òg, le Gàidhlig aig mu dhara leth an t-sluaigh.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile