Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

20 Am Màrt 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Mailèisia

Tha Breatainn a' cur soitheach a chuideachadh na h-iomairt a' lorg a' phlèan Mhailèisianaich a tha a dhìth. Tha HMS Echo, soitheach sgrùdaidh cladaich, air a slighe. Tha i mar-thà anns a' Chuan Ìnnseanaich agus tha i a' siubhal a dh'ionnsaigh na làraich far na thog saideal pìosan de rudeigin.

Ugràin

Coinnichidh ceannardan an Aonaidh Eòrpaich anns a' Bhruiseal an-diugh fhathast a dhèanamh a-mach dè an ath cheum a ghabhas iad a thaobh suidheachadh a' Chrimea. Tha dùil gun cuir iad tuilleadh smachd-bhannan an sàs an aghaidh ceannardan Ruiseanach. Tha Seansalair na Gearmailt, Angela Merkel, air a ràdh nach eil an leithid de rud ann a-nis ris an G8, 's gu bheil an Ruis air i fhèin a chuir taobh a-muigh leithid de cho-obrachadh.

Taigh a' Bhaile

Tha Comhairle na Gàidhealtachd a' faighinn £500,000 bho Alba Aosmhor airson obair-càraidh air Taigh a' Bhaile ann an Inbhir Nis. Tha e mar phàirt de thaic-airgid faisg air £2m a tha Alba Aosmhor a' roinn am measg còig thogalaichean ann an Alba. Cosgaidh Taigh Baile Inbhir Nis grunn mhilleanan notaichean a thoirt gu ìre thairis air na beagan bhliadhnaichean romhainn.

Sluagh

Tha an Aghaidh Mhòir agus Inbhir Narainn air fàs gu mòr anns na 10 bliadhna mu dheireadh, a rèir àireamhan ùra bho Chomhairle na Gàidhealtachd. Tha iad ag ràdh gur e sgeamaichean thaigheadais ùra as motha a th' air an sluagh a chur an-àirde. Chaidh e suas 36% anns an Aghaidh Mhòir, agus 15% ann an Inbhir Narainn.

RockNess

Cha bhi Fèis Chiùil RockNess ann am-bliadhna. Chaidh an naidheachd a sgaoileadh air Facebook, 's an luchd-stiùiridh ag ràdh gun robh cus rudan eile a' dol air an Samhradh-sa, leithid Geamaichean a' Cho-fhlaitheis agus Cupa na Cruinne. Tha iad a' gealltainn gun till e nas fheàrr agus nas motha an ath-bhliadhna. Ach, tha càineadh air a bhith ann airson cho fada 's a dh'fhàg iad e gun an naidheachd ìnnse.

Tuath-gaoithe mara

Tha dragh ga thogail mun bhuaidh a bheir an treas tuath-gaoithe mara as motha air an t-saogha, far cladach Ghallaibh, air eunlaith. Thug Riaghaltas na h-Alba cead do dhà chompanaidh an-dè dà sgeama a thogail ri taobh a chèile anns am bi còrr air 300 crann. Thuirt Aedan Mac a' Ghobhainn bhon RSPB gu bheil am pròiseact fada ro mhòr agus gum b' fhèarr leis-san gun deadh a thogail mean air mhean, am thèid a thogail idir.

Stàilinn

Tha factaraidh ann an Glaschu, leis a' bhuidheann EEW Energy Services, air cùmhnant £1.5m fhaighinn airson stàilinn a chumail ri pròiseact mara ann an Indonesia. Tha prìomh oifisean EEW ann an Singapore, ach dh'fhosgail iad an t-àite ann an Glaschu bho chionn ghoirid.

Salford

Ghoid meàrlaich sùim mhòr airgid à inneal ATM ann an Salford, an dèidh dhaibh tunail 50 troigh a chladhach fon togalach. Tha na poilis a' dèanamh dheth gun tug iad grunn mhìosan a' cladhach.

Dealan

Tha 900 dachaigh fhathast gun dealan ann an ceann a tuath an Eilein Sgitheanaich. Tha Scottish Hydro an dòchas gum bi an dealan air ais aca mu 1.00f. Chan eil fhios fhathast de dh'adhbharaich an trioblaid a dh'fhàg pìosan de Leòdhas agus an Eilean Sgitheanaich às aonais an dealain an-diugh anns a' mhadainn.