Inbhir Ghòrdain am port as trainge

  • Air fhoillseachadh
Inbhir GhòrdainTùs an deilbh, Undiscovered Scotland
Fo-thiotal an deilbh,
Tha dùil ri còrr is 50 soitheach crùis ann an Inbhir Ghòrdain air an t-seusan seo.

Chaidh port Inbhir Ghòrdain ann an Linne Chrombaidh ainmeachadh mar am prìomh phort do shoithichean luchd-turais an Alba.

Sheall rannsachadh a rinn a' bhuidheann Cruise Britain gur e cuideachd an treas port a bu thrainge san Rìoghachd Aonaichte.

Thadhail 89,000 duine air Inbhir Ghòrdain far shoithichean crùis ann an 2013.

Tha sin an taca ris an 97,000 air bòrd shoithichean crùis a thadhail air port Dover anns an dearbh bhliadhna.

Tha na h-àireamhan gam foillseachadh dìreach cola-deug mus cuid Inbhir Ghòrdain fàilte air a' chiad shoitheach den t-seusan seo.

Am measg nan soithichean a thadhaileas am bliadhna, bi seachd nach do thadhail roimhe, an Queen Victoria nam measg.

Tadhlaidh soiteach mòr eile air a bheil Ruby Princess ann am meadhan a' Chèitein le 3,200 air bòrd.

Tha dùil ri còrr is 50 soitheach air fad eadar seo agus deireadh an t-Sultain.

Thuirt ceannardan a' phuirt gu bheil na soithichean cudromach an dà chuid dhan phort agus do dh'eaconamaidh na sgìre.