Clàr sealbh fearainn ga iarraidh

Fearann
Image caption Tha beachd ann gu bheil an siostam a th' ann ag obair an aghaidh maith a' phobaill.

Tha comataidh pàrlamaid aig Westminster ag iarraidh siostam nas fhosgailte a dh'innseas cò leis a tha fearann na h-Alba agus dè an luach a th' anns an fhearann.

Tha aithisg bho Chomataidh nan Cùisean Albannach ag ràdh gu bheil an dòigh sa bheil fiosrachadh mu oighreachdan na h-Alba ga chleith gu math air dheireadh air dùthchannan Eòrpach eile.

Tha iad ag iarraidh air an dà chuid Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte agus Riaghaltas na h-Alba siostam a chur an sàs airson piseach a thoirt air cùisean.

Ann an aithisg na comataidh, thuirt iad gun robh fiosrachadh mu luach an fhearainn riatanach do riaghaltas sam bith a bha da-rìribh mu dheidhinn ath-leasachadh an fhearainn a thoirt gu buil.

Maith a' phobaill

Tha iad den bheachd gu bheil an siostam a th' ann an-dràsta a' leigeil le uachdarain fiosrachadh mu cò leis a tha oighreachdan a chleith.

Tha luchd-iomairt iar a bhith a' cur air adhart dhraghan o chionn ùine gu bheil fearann ga chleachdadh mar dhòigh air cìsean a sheachnadh, le oighreachdan air an clàradh mar fo shealbh chompanaidhean, seach dhaoine, agus airson subsadaidhean mòra a tharraing.

Mar a tha an siostam an-dràsta, chan eil cìs air luach fearainn, agus tha sin a' leigeil le luach an fhearainn a dhol suas, le daoine ga cheannach mar dhòigh air airgead a thasgadh a chum prothaid a dhèanamh.

Tha a' Chomataidh airson stad a chur air sin mur a tèid sealltainn gu bheil e gu maith a' phobaill.

Fianais

Tha beachd ann gu bheil mar a tha prìs an fhearainn ag èirigh san dòigh seo an aghaidh na taic a gheibh coimhearsnachdan bhon sporan phoblach airson fearann a cheannach, agus iarraidh a' Chomataidh tuilleadh fianais mu dheidhinn sin.

Mhol aithisg na Comataidh sgrùdadh a dhèanamh air na riaghailtean agus poileasaidh chìsean co-cheangailte ri oighreachdan Albannach.

Chuir Riaghaltas na h-Alba mar-thà buidheann air dòigh airson an leithid sin a rannsachadh, ach nì Comataidh nan Cùisean Albannach an cuid rannsachaidh fhèin fhad 's a thathas a' feitheamh air co-dhùnaidhean na buidhne sin.

Dh'iarradh a' Chomataidh gum biodh cothrom aig a' phoball air an fhiosrachadh, agus gun deadh cur às do chompanaidhean agus urrasan leis a bheil oighreachdan, far nach eil fhios cò na daoine air an cùlaibh.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile