BBC Naidheachdan

Taic-airgid do Thaigh Baile Inbhir Nis

Published
image copyrightKenneth Allen/Geograph
image captionChaidh Taigh a' Bhaile ann an Inbhir Nis a thogail às ùr ann an 1878 agus tha e air a bhith na phàirt cudromach de phrìomh bhaile na Gàidhealtachd.
Gheibh Comhairle na Gàidhealtachd £500,000 bho Alba Aosmhor airson obair-càraidh a dhèanamh air Taigh a' Bhaile ann an Inbhir Nis.
Tha e mar phàirt de thaic-airgid faisg air £2m a tha a' bhuidheann a' roinn am measg còig thogalaichean ann an Alba.
Cosgaidh e còrr is £7m Taigh Baile Inbhir Nis a thoirt gu ìre thairis air na beagan bhliadhnaichean a tha romhainn.
Chaidh Taigh a' Bhaile ann an Inbhir Nis a thogail às ùr ann an 1878 agus tha e air a bhith na phàirt cudromach de phrìomh bhaile na Gàidhealtachd.

Obair-càraidh

Chaidh an obair-càraidh mhòr mu dheireadh a dhèanamh air an togalach ann an 1956.
An-uiridh, chaidh làn-sgrùdadh a dhèanamh air an togalach. Sheall sin gum feumar am mullach a chàradh, uinneagan ùra a chur ann agus càradh a dhèanamh air a' chlachaireachd.
Dh'innis Alba Aosmhor Diardaoin gun cuir iad £500,000 ris a' phroiseict.
Chuir fear de chomhairlichean Inbhir Nis, Iain MacIlleDhuinn, fàilte air an naidheachd.
Thuirt e gun tèid an t-airgead a dh'ionnsaigh a' chiad earrann den phròiseict airson obair fìor chudromach a dhèanamh air an togalach.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

  • Leasachadh luach £7m a dhìth air Taigh Baile Inbhir Nis