Aonachd, co-ionanachd agus ceartas sòisealta

Ed Miliband Image copyright PA
Image caption Bheir Mgr Miliband seachad òraid air a' chiad là de cho-labhairt nan Làbarach an Alba ann am Peairt.

Foillsichidh am Pàrtaidh Làbarach ann an Alba ''beachd nas motha na neo-eisimeileachd'' airson atharrachaidhean eaconamach agus sòisealta.

Aig co-labhairt Albannach a' Phàrtaidh Làbaraich, geallaidh ceannard a' phàrtaidh, Ed Milliband, an tuilleadh chumhachdan do Holyrood air cìsean agus eile.

Bheir Mgr Miliband seachad òraid air a' chiad là de cho-labhairt nan Làbarach an Alba ann am Peairt.

Anns an oràid aige, càinidh Ed Miliband an SNP, a tha airson cìsean gnìomhachais a ghearradh gus cosnaidhean a thoirt do dh'Alba.

Canaidh e gum fàgadh bhòt airson neo-eisimeileachd gum biodh Alba a' farpais leis a' chòrr den Rìoghachd Aonaichte, gu h-àraidh nam biodh riaghaltas Tòraidheach aig an stiùir ann an Lunnainn.

Mealladh

Tha an SNP air a ràdh nach eil na Làbaraich ach a' feuchainn ri daoine a mhealladh.

Molaidh Mgr Milliband planaichean gus barrachd smachd air a' chìs chosnaidh agus air cuid de shochairean sòisealta a thoirt do Holyrood, ma bhòtas Albannaich an-aghaidh neo-eisimeileachd.

Aig a' cho-labhairt, tha Leas-Cheannard Phàrtaidh Làbarach na h-Alba, Anas Sarwar, air plana fhoillseachadh far a bheilear a' moladh ath-sgrùdadh a dhèanamh air Seirbheis Slàinte na h-Alba, bochdainn am measg chloinne a ghearradh gu a leth uimhir, agus cùram-cloinne an-asgaidh a leudachadh.

Chaidh am Pàipear Dearg, mar a th' aig na Làbaraich air, fhoillseachadh mar fhreagairt do Phàipear Geal an SNP.

Thèid leth-bhreac den phàipeir, anns a bheil còrr is 60 duilleag, a sgaoileadh chun a h-uile dachaigh ann an Alba mus bidh an referendum ann san t-Sultain.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile