Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

21 Am Màrt 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Pàrtaidh Làbarach na h-Alba

Tha Leas-Cheannard Phàrtaidh Làbarach na h-Alba, Anas Sarwar, air plana fhoillseachadh airson ath-sgrùdadh air an NHS, bochdainn am measg chloinne a ghearradh gu leth, agus leudachadh air cùram chloinne an-asgaidh. Chaidh am pàipear dearg, mar a th' aig na Làbaraich air, fhoillseachadh mar fhreagairt do phàipear geal an SNP, ro cho-labhairt nan Làbarach ann an Alba, a tha a' tòiseachadh ann am Peairt an-diugh. Thèid leth-bhreac den phàipeir a-mach dhan h-uile dachaigh ann an Alba mus bi referendum air neo-eisimeileachd ann san t-Sultain.

Mailèisia

Cha d' fhuair rannsachadh Astràilianach sgeul fhathast an-diugh air sprùilleach anns a' Chuan Ìnnseannach, 's iad a' coimhead airson a' phlèan às Mailèisia a chaidh a dhìth bho chionn cola-deug. Thug saideal Astràilianach an aire an-dè do sprùilleach air choireigin anns a' mhuir. Tha còig itealain Astràilianach an sàs anns an rannsachadh, mu 1500 mìle an iar-dheas air Peairt.

Ugràin

Chuir an t-ùghdarras riaghlaidh ùr anns an Ugràin agus an t-Aonadh Eòrpach an ainm ri aonta airson ceanglaichean poileataigeach agus eaconomaigeach nas dlùithe eadar iad. Seo pàirt den aonta ris nach gabhadh seann Cheann-suidhe na Ugràin, Viktor Yanukovich, an-uiridh agus às an do thòisich an ar-a-mach a chur ruaig air-san.

Walker

Chaidh Bill Walker, seann Bhall-Pàrlamaid Dhùn Phàrlain ann am Pàrlamaid na h-Alba, a shaoradh às a' phrìosan anns a' mhadainn an-diugh. Chaidh a shaoradh letheach-ùine tro bhinn bliadhna a chaidh air airson dochann anns an dachaigh air triùir de na mnathan a bh' aige, agus air nighean tè de na boireannaich sin. Tha Walker, a chaidh às àicheadh a h-uile casaid a bha na aghaidh, am beachd tagradh an aghaidh a dhìtidh agus tha èisteachd cùirte roimhe air an ath mhìos.

Cunntas-sluaigh

Chaidh tuilleadh de thaic-airgid na Gàidhlig iarraidh ann an Uibhist a Deas, an sgìre as làidire anns a bheil a' chànain, a rèir a' chunntais-sluaigh mu dheireadh. Thuirt Màiri NicAonghais, a tha an sàs gu mòr ann an leasachadh na Gàidhlig anns an sgìre sin, gum biodh e ciallach airgead a chosg a' gleidheadh agus a' leasachadh na Gàidhlig far am bheil i làidir an-dràsta, seach leigeil leatha crìonadh ann.