Poilis a' rannsachadh bàs nighean òg
- Air fhoillseachadh
Tha na poilis a' rannsachadh bàs nighean òg às dèidh mar a chaidh a corp a lorg ann an taigh ann an Inbhir Narainn madainn Dihaoine.
Thathar a' tuigsinn gun deach corp an deugaire a lorg ann an taigh aig Glenelg Gardens sa bhaile.
Thuirt fear-labhairt do Phoilis na h-Alba gun d' fhuair iad fios mu bhàs nighean òg ann an sgìre Inbhir Narainn.
Thuirt e nach eil fhios fhathast dè a dh'adhbharaich a bàs, ach nach eil iad a' creidsinn gu bheil càil amharasach mun chùis.
Thuirt e gu bheil an rannsachadh a' leantainn 's gun deigheadh aithisg a chur gu Neach-casaid a' Chrùin.
Dhearbh tè-labhairt bhon t-seirbheis eiridinn gun deach criutha a ghairm gu taigh ann an Inbhir Narainn mu 8.00m agus gun robh na poilis a' rannsachadh na cùis.
Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil
Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh