Miliband a' gealltainn sabaid gu làidir

  • Air fhoillseachadh
Ed MilibandTùs an deilbh, PA
Fo-thiotal an deilbh,
Gheall Mgr Miliband gur e riaghaltas Làbarach ann an Westminster agus Holyrood a bheireadh soirbheachas do Bhreatainn agus do dh'Alba.

Bhiodh neo-eisimeileachd do dh'Alba agus Riaghaltas Tòraidheach ann an Westminster a' ciallachadh milleadh do Bhreatainn.

Sin a rèir ceannard nan Làbarach, Ed Miliband, agus e a' toirt seachad òraid aig co-labhairt Albannach a' Phàrtaidh Làbaraich ann am Peairt.

Thug e rabhadh mun chall a dhèanadh neo-eisimeileachd air an dùthaich, ag ràdh nach biodh ann ach "rèis chun a' bhuinn" eadar Alba agus Sasainn.

Gheall Mgr Miliband gur e riaghaltas Làbarach ann an Westminster agus Holyrood a bheireadh soirbheachas do Bhreatainn agus do dh'Alba.

Gheall e cuideachd sabaid gu làidir airson 's gum fuirich Alba anns an Rìoghachd Aonaichte.

Òraid

'S e seo an turas mu dheireadh a bhios cothrom aig Mgr Miliband òraid a dhèanamh aig co-labhairt Albannach a' phàrtaidh, mus tig a' bhòt air neo-eisimeileachd as t-Fhoghar.

Tha làn-fhios aig Mgr Miliband gu bheil am miann a th' aige-san a bhith na Phrìomhaire às dèidh an ath-thaghaidh ann an 2015 gu mòr a' crochadh air toradh na bhòt.

Mar sin, bha an òraid a thug e seachad ann am Peairt stèidhichte gu mòr air neo-eisimeileachd.

Thuirt Mgr Miliband, nam biodh Alba na dùthaich neo-eisimeileach, gum biodh i fhèin agus a' chòrr den Rìoghachd Aonaichte a' sìor fharpais an aghaidh a chèile.

Chan ann a-mhàin mu chìsean a bhithear a' farpais, thuirt e, ach mu dhòighean-obrach, riaghladh nam bancaichean, is eile.

Thuirt e gun dèanadh sin cron - gu h-àraidh air na daoine as bochda.

Taic

Thuirt e cuideachd gun robh e bunaiteach dhan Aonadh eadar Alba 's an còrr den Rìoghachd Aonaichte gum bithear a' toirt taic dha chèile, seach a bhith a' sabaid an aghaidh a chèile.

Na bu tràithe air an là, dh'fhoillsich Leas-Cheannard Phàrtaidh Làbarach na h-Alba, Anas Sarwar, plana far a bheilear a' moladh ath-sgrùdadh a dhèanamh air Seirbheis Slàinte na h-Alba, bochdainn am measg chloinne a ghearradh gu a leth uimhir, agus cùram-cloinne an-asgaidh a leudachadh.

Chaidh am Pàipear Dearg, mar a th' aig na Làbaraich air, fhoillseachadh mar fhreagairt do Phàipear Geal an SNP.

Thèid leth-bhreac den phàipeir, anns a bheil còrr is 60 duilleag, a sgaoileadh chun a h-uile dachaigh ann an Alba mus bidh an referendum ann san t-Sultain.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh