BBC Naidheachdan

Adhbhar an Aonaidh

Niall O'Gallagher
Fear-naidheachd poileataigeach
@BBCNiallOGon Twitter

Published
image copyrightPA
Cha b' e òraid àbhaisteach a thug Johann Lamont seachad aig co-labhairt nan Làbarach ann am Peart.
Ach, chan e bliadhna àbhaisteach a tha seo ann an eachdraidh phoileataigeach na h-Alba.
Gun ach sia mìosan mus cuir Alba roimhpe am bu chòir dhi a bhith na dùthaich neo-eisimeilich, bha dreuchd shònraichte aice.
B'fheudar dhi adhbhar a thoirt do luchd-taic nan Làbarach taic a thoirt cuideachd don Rìoghachd Aonaichte.
(Tha fianais gu bheil grunn dhiubh a' beachdachadh air bhòt airson neo-eisimeileachd).
B' e an t-adhbhar a thabhainn i gun robh an t-Aonadh a' toirt taic do na daoine as bochda.

Cothrom

'S e òraid phearsanta a bha innte, agus Johann Lamont a' moladh an duine aice, a thàinig bho theaghlach beartach ann an gaol ach gun mhòran airgid.
Thuirt i gum b' e an gluasad Làbarach a thug brosnachadh agus cothrom dha ceum oilthigh a choisinn dha fhèin agus cothroman ùra a thoirt dha chloinn.
Bhon t-suidheachan agamsa anns an talla, bu choltach gun robh deòir na sùilean fhad 's a bha i ag innse na sgeòil seo.
Ach cha b' e tiomachd gun bhrìgh a bha innte.
Chleachdadh i mar fhianais gum b' iad na Làbaraich pàrtaidh a' cheartais shòisealta, 'Pàrtaidh nan Daoine' mar a bha orra uaireigin.
Ach leis an sin thàinig càineadh air an SNP airson na daoine a mhealladh.
image copyrightPA
Aig coinneamh far an àrd-ùrlair na bu tràithe thuirt an t-seann phrìomh mhinistear, Henry McLeish, nach bu chòir gràin a bhith aig na Làbaraich air an SNP.
Chan eil fhios agam am faigh e deagh èisteachd.
Ach a-measg nan adhbharan airson na gràin sin tha soirbheachas an SNP an t-àite acasan a ghoid mar phàrtaidh na làimhe clì.
Cha robh ann an sin ach foill, a rèir Johann Lamont, a gheall gun toireadh i "onair" air ais do bheatha phoileataigeach na dùthcha.
Is coltach gu bheil tuigse aice - agus aig an sgiopa aice - nach eil na comasan labhairt aig ceannard nan Làbarach agus a tha aig a' phrìomh mhinistear.
Dh'fheuch iad ri laisge a chleachdadh mar neart, a' seachnadh farpais nach buannaich i le Ailig Salmond, ga cur air adhart mar thè ònaireach, àbhaisteach, a thuig daoine agus a thuigeadh leotha.

Briseadh Dùil

B' e an t-adhbhar 'deimhneach' airson an Aonaidh gun tug e cothrom do na diofar phàirtean dhen Rìoghachd Aonaichte taic a chur do chach a chèile.
Ach bha Johann Lamont dìreach cho deimhinn gum feumadh Pàrlamaid na h-Alba a neartachadh mar phàirt dhen Aonadh sin.
A dh'aindeoin a' bhrisidh dùil a nochd Henry McLeish mu phlanaichean nan Làbarach airson tuilleadh fèin-riaghlaidh, 's urrainn do Johann Lamont a bhith riaraichte gu leòr leis na thachair aig a' cho-labhairt seo.
Cha do nochd na sradagan a bha air faire dhi gun ach beagan sheachdainean air ais.
Is coltach gu bheil am pàrtaidh aice a-nis aonaichte.
Ach 's iad na daoine air falbh bhon talla ann am Peart a chuireas romhpa an glèidh iad an t-Aonadh fhèin ann an reifreann na Sultaine.