Lòbhat is Am Bail' Ùr air gleus
- Air fhoillseachadh

Neartaich Lòbhat agus Bail' Ùr an t-Slèibh an suidheachadh aig mullach Prìomh Lìog na h-Iomain, ged a bha spàirn aig an dà sgioba nan geamaichean.
Chaidh Lòbhat air thoiseach trath an aghaidh Inbhir Aora ann an Cill Targhlain, Caomhainn Bartlett leis an tadhal às dèidh 4 mionaidean.
'S iad an sgioba às Earra-Ghàidheal an uair sin a ghabh smachd air a' gheama 'son cuid-mhath den chiad-leth le grèim aca air gnothaichean ann am meadhan na pàirce, a dh'aindeoin is mar a chaidh Dàibhidh Mac a' Phearsain dheth is e air a ghoirteachadh.
Làidir
Bha loidhne dìon Lòbhait treun ge-tà is Drew Howie gu sònraichte làidir, is cha d'fhuair Inbhir Aora an tadhal ro letheach slighe air an robh iad airidh.
Dh'fhàs Lòbhat na bu làidire mar a chaidh an darna leth air adhart is thàinig an darna tadhal le 10 mionaidean air fhàgail, Bartlett air an targaid a-rithist.
8 puingean à 4 geamaichean aig Lòbhat a-nise is coltas ann gu bheil iad a' buannachadh nan geamaichean anns an robh iad tric co-ionnan an-uiridh.
Tha Bail' Ùr an t-Slèibh dìreach air an cùlaibh le 6 puingean às na 3 geamaichean aca.
Chaidh Am Bail' Ùr air deireadh trath Disathairne, Donnchadh 'Ach' MacRath le tadhal do Cheann Loch Seile às dèidh 18 mionaidean.
Feitheamh
Chuir Glen Mac an Tòisich Am Bail' Ùr co-ionnan trath san darna leth ach bha aca an uair sin ri feitheamh gu deireadh a' gheama 'son na tadhail a rinn a' chùis dhaibh.
B'e Craig Ritchie Òg sa chiad gheama aige dhan chiad sgioba a fhuair an tadhal cudromach ann an 85 mionaidean.
Chuir fear eile de dh'òigridh a' Bhail' Ùr, Calum Stiùbhairt, crìoch air gnothaichean le tadhal eile sa mhionaid mu dheireadh.
3-1 air a' cheann thall ach beagan dòchais do Cheann Loch Seile gun tàinig iad cho faisg air puing.
Cha robh ach tadhal eadar Ceann a' Ghiuthsaich is Gleann Urchadain, Savio Genini air an targaid gus sgioba Bhàideanach a thogail dhan treas àite.
Uisge
Chaidh an geama eile sa Phrìomh Lìog - eadar Caol Bhòid is Loch Abar - a chur dheth air sgàth droch shìde is thug an t-uisge buaidh mhòr air na lìogaichean eile cuideachd.
Cha robh ach aon gheama ann an Lìog Nàiseanta 1 is Camanachd an Òbain fhathast gun chall às dèidh dhaibh soirbheachadh 3-2 air falbh an aghaidh Ghlaschu Meadhan Earra-Ghàidheal.
Bha briseadh-dùil ann do Chamanachd Leòdhais ann an Lìog Tuath 3 is iad a' call 4-2 aig Srath Spè, a dh'aindeoin dà thadhal bho Will Church.
Bidh na Leòdhasaich ag amas air sreap suas an lìog an ath-sheachdain nuair a chluicheas iad Cabair Fèidh.