Iomairt an aghaidh tuilleadh àrdachaidhean

Aiseag a' Chorrain
Image caption Tha còir gun tèid na faraidhean air an aiseag suas an ath sheachdain, airson an treas turas ann am bliadhna.

Chaidh iomairt choimhearsnachd a thòiseachadh an aghaidh àrdachadh eile ann am faraidhean air aiseig a' Chorrain.

Nochd mu 60 duine aig coinneamh phoblach ann an Sròn an t-Sìthein Didòmhnaich airson taic a chur ris an iomairt.

Chuala na bha an làthair gun dèanadh an t-àrdachadh cron air a' choimhearsnachd ann an Àird nam Murchan, a' Mhorbhairne agus Àird Dhobhair.

Tha còir gun tèid na faraidhean air an aiseag suas an ath-sheachdain, airson an treas turas ann am bliadhna.

Tha Comhairle na Gàidhealtachd ag ràdh gu bheil an t-seirbheis a' call airgead.

Àrdachadh

Dh'innis a' Chomhairle roimhe gun robh iad am beachd siostam ùr a chur an sàs a chuireadh àrdachadh air cuid de na faraidhean, is iad ag ràdh gu bheil cosgaisean a bharrachd a' tighinn orra gus an t-seirbheis a ruith.

San t-Samhain an-uiridh, dh'aontaich Comataidh Còmhdhail na Comhairle ri àrdachadh de 30sg sa chomantas air gach ticead son chàraichean, agus barrachd airson charabadan eile.

Chuir an co-dhùnadh fearg air mòran de mhuinntir Àird Dhobhair agus na Morbhairne, agus iad a' cumail a-mach nach robh an t-àrdachadh iomchaidh air seirbheis dheatamaich.

A' bruidhinn às dèidh na coinneimh, thuirt Màiri Anna NicUalraig, a tha a' fuireach ann an Àird Dhobhair: "An rud as cudromaiche a thàinig a-mach às, gun robh ann an da-rìribh, faireachdainn coimhearsnachd ann, ged a tha sinn sgapte.

Gnìomhachasan

"Fiù 's a' coimhead seachad air Àird nam Murchan agus a' Mhorbhairne, a' coimhead a-null tarsainn a Mhuile, tha daoine deònach tighinn còmhla agus obair gu ruige fuasgladh adhartach, lèirsinneach a tha gu maith nan coimhearsnachdan gu lèir," thuirt i.

Thug i cuideachd iomradh air prìomh ghnìomhachasan na sgìre: croitearachd, iasgach, tuathanas-èisg agus turasachd.

Tha a h-uile gin dhiubh, thuirt i, a' cur feum air an t-seirbheis a tha a' dol tarsainn caolas a' Chorrain.

"Mar sin, chan eil iongnadh ann ged a bhiodh fìor dhroch bhuaidh aig àrdaidhean ann am faraidhean air na gnìomhachasan sin," thuirt i.

Fuasgladh

Bheachdaich i cuideachd gur dòcha gur e siostam leithid RET a chur an sàs aon dòigh air fuasgladh a ruighinn.

"Chaidh RET a dhealbh le Roy Pederson mar fhuasgladh air duilgheadasan a bha ann airson grunn àiteachan sònraichte.

"Ma dh'fhaodte gur e an rud a tha RET a' nochdadh dhuinn, gu bheil an t-àm ann coimhead airson freagairt ùr do sgìrean de ar leithid fhèin.

"'S dòcha nach e RET fhèin, ach cruth eile den aon seòrsa," thuirt i.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile