Coinneamh mu chumhachdan eileanach

  • Air fhoillseachadh
Ar n-Eileanan ri Teachd
Fo-thiotal an deilbh,
Bidh leasachadh gnìomhachasan chruthachail agus inbhe laghail nan comhairlean eileanach san àm ri teachd air a' chlàr-ama.

Coinnichidh ceannardan nan comhairlean eileanach agus ministearan Riaghaltas na h-Alba Diluain agus iad ag iarraidh tuilleadh chumhachdan dha na h-Eileanan.

Seo an còigeamh coinneamh ann an sreath de shia, agus riochdairean nan Eilean Siar, Arcaibh agus Sealltainn ag iarraidh gum bi barrachd smachd aig eileanaich air an gnothaichean fhèin, ge bith dè an taobh a thèid an referendum air neo-eisimeileachd na h-Alba anns an t-Sultain.

Bidh leasachadh gnìomhachasan chruthachail agus inbhe laghail nan comhairlean eileanach san àm ri teachd air a' chlàr-ama.

Tha comhairlean nan Eilean Siar, Arcaibh agus Sealtainn còmhla ag iarraidh gun tèid co-dhùnaidhean air barrachd de na rudan a bhuailleas air na sgìrean aca a dhèanamh anns na sgìrean aca.

Ar n-Eileanan ri Teachd

Chaidh an iomairt "Ar n-Eileanan ri Teachd" a chur air dòigh san Lùnastal an-uiridh gus beachdan a shireadh mun seòrsa ùghdarras a tha na trì buidhnean eileanan ag iarraidh às deidh an referendum air neo-eismeileachd na h-Alba san t-Sultain.

Thathar air iarraidh gun tèid aithne a thoirt do fheumalachdan agus inbhe nan eilean, ge bith dè an taobh a thèid cùisean san referendum.

Thathar air ceithir choinneamhan a chumail mar-thà le riochdairean bho Riaghaltasan Westminster agus Dhùn Èideann.

San Lùnastal an-uiridh, chaidh plana aontachadh gus tuilleadh chumhachdan a thoirt do na sgìrean eileanach.

Am measg na th' anns a' phlana, tha a bhith a' sgaoileadh chumhachdan a th' aig Oighreachd a' Chrùin do na h-ùghdarrasan ionadail, a bheireadh dhaibh smachd air grunnd na mara agus air a' chladach.

Dheadh cuideachd obrachadh a dh'ionnsaigh smachd a bharrachd a thoirt do dh'eileanaich a thaobh cumhachd ath-nuadhachail, còmhdhail agus riaghladh.

Clàr-gnothaich

Am measg na th' air a' chlàr-gnothaich Diluain, bithear a' beachdachadh air taic bhon stàit, ionmhas agus maoineachaidh, cead-dealbhachaidh, agus cuideachd mu ghnìomhachasan chruthachail.

Thathas a' tuigsinn gum bi Ministear an Riaghaltais Ionadail, Derek MacAoidh, an làthair, cuide ri ceannardan bho na trì comhairlean ionadail.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh