Ùghdarrasan Eileanach dòchasach mu chumhachdan
- Air fhoillseachadh

Tha na trì ùghdarrasan Eileanach ag ràdh gu bheil deagh dhòchas aca gum faigh iad tuilleadh chumhachdan.
Tha an iomairt "Ar n-Eileanan ri Teachd" air a bhith a' dol bho an-uiridh, a' feuchainn ri barrachd smachd a thoirt dha na h-Eileanan air seirbheisean, an fhairge agus saibhreas na sgìre.
Choinnich ceannardan nan eilean ri Ministear an Riaghaltais Ionadail, Derek MacAoidh, ann an Steòrnabhagh Diluain.
B' e seo an còigeamh coinneamh ann an sreath de shia, agus riochdairean nan Eilean Siar, Arcaibh agus Sealltainn ag iarraidh gum bi barrachd smachd aig eileanaich air an gnothaichean fhèin, ge bith dè an taobh a thèid an referendum air neo-eisimeileachd na h-Alba anns an t-Sultain.
Referendum
Tha ceannardan nan comhairlean eileanach den bheachd, eadar an tèid bhòtadh airson neo-eisimeileachd no nach tèid, gun tig atharrachadh air cumhachdan Riaghaltas na h-Alba agus gum feum còirichean nan eilean a dhìon agus a leudachadh.
Tha iad airson dìon a chur air inbhe nan eilean mar sgìrean fa leth, eadar-dhealaichte bho sgìrean Tìr-Mòr, le còirichean aig ìre na h-Eòrpa agus le aithne shònraichte ga thoirt dhaibh ann an laghan sam bith a thig bhon Riaghaltas.
Thuirt BPA nan Eilean Siar, Alasdair Allan, gu bheilear air adhartas a dhèanamh.
Dh'innis e gun deach bruidhinn aig a' choinneimh mun àite a bhiodh aig na h-Eileanan anns an àm ri teachd agus gu sònraichte, an t-àite a bhiodh aig na h-Eileanan ann am Bun-reachd na h-Alba.
Le ceannard Comhairle nan Eilean Siar, Aonghas Caimbeul, an ìre mhath toilichte gu bheilear air aontachadh gum bi comhairlean eileanach ann, thathar a-nis a' faighneachd dè na cumhachdan a bhios aca agus, gu h-àraidh, am bi cumhachdan aca airson barrachd a dhèanamh dhaibh fhèin.
Tha Mgr Allan den bheachd gun tèid coimhead ris a' chùis eadar seo agus an ath-choinneamh ann am Baile na h-Eaglaise an Arcaibh, san Ògmhios.
"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil deagh thoil ann rudeigin obrachadh a-mach," thuirt Mgr Allan.
Tha Riaghaltas na h-Alba air a ràdh gun tig cumhachdan a bharrachd ma bhòtas Alba airson neo-eisimeileachd, ach tha iad ag aideachadh cuideachd gu bheil cumhachadan ann a ghabhadh a thoirt dhaibh an-dràsta fhèin.
Cumhachdan
Thuirt Ball-Pàrlamaid Albannach nan Eilean Siar, Alasdair Allan: "Tha mi a' smaoineachadh gu bheil deagh chòmhradh ann eadar na comhairlean agus an Riaghaltas mu dheidhinn sin, ach tha e uabhasach cudromach a ràdh nach fhaod an Riaghaltas cumhachdan a thoirt dha na h-Eileanan, agus chan eil na cumhachdan sin againn an-dràsta.
"Tha tòrr rudan ann as urrainn dhuinn a dhèanamh an-dràsta. Tha tòrr rudan eile, feumaidh sinn neo-eisimeileachd fhaighinn air a shon," thuirt Mgr Allan.
A rèir Cheannard Comhairle nan Eilean Siar, Aonghas Caimbeul, tha na trì ùghdarrasan eileanach ag iarraidh cumhachd air gnothaichean na mara agus air grunnd nan mara fhèin, gus buannachd fhaighinn à leasachaidhean mara, gu h-àraidh cumhachd ath-nuadhachail.
Thuirt na ceannardan gum bi molaidhean làidir aca ri chur fa chomhair an t-sluaigh san Ògmhios.
Bithear a-nis a' feitheamh gus am faicear dè na molaidhean a thig bho Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- 24 Am Màrt 2014