Ceist mu easbhaidh na dùthcha

Crann-ola sa Chuan a Tuath Image copyright Getty Images
Image caption Dh'fhoillsich Oifis Cunntalachd a' Bhuidseat, an OBR, gun robh iad ag ìsleachadh an ro-aithris aca air an t-airgead a thig bho ola agus gas.

Tha ìmpidh ga chur air Riaghaltas na h-Alba sùil as ùr a thoirt air easbhaidh nàiseanta na h-Alba, nam biodh i neo-eisimeileach.

Nochd an t-iarrtas bho Ionad Poileasaidh Phoblach nan Roinnean, an CPPR, 's iad a' tomhas gum biodh easbhaidh de £13b air cunntasan na h-Alba am-bliadhna agus an ath-bhliadhna, agus teachd-a-steach na h-ola a' crìonadh.

Tha Riaghaltas na h-Alba ag ràdh nach eil na figearan sin ceart, 's iadsan an dùil ri fàs san teachd-a-steach.

An t-seachdain seo chaidh, dh'fhoillsich Oifis Cunntalachd a' Bhuidseat, an OBR, a tha a' stiùireadh Roinn Ionmhais na Rìoghachd Aonaichte, gun robh iad ag ìsleachadh an ro-aithris aca air an t-airgead a thig bho ola agus gas.

Measadh

Tha eòlaichean aig Ionad Poileasaidh Phoblach nan Roinnean ann an Glaschu air a bhith a' measadh na tha na figearan ùra a' ciallachadh do bhuidseat na h-Alba.

Nam beachdsan, bhiodh easbhaidh de £13bn ann am buidseat na h-Alba am-bliadhna 's an ath-bhliadhna, agus ged a dh'fhaodadh an Rìoghachd Aonaichte a bhith cuidhteas am fiachan ann an ceithir bliadhna, gum biodh £5b de dh'fhiachan fhathast aig Alba.

Chaidh Riaghaltas na h-Alba gu mòr an aghaidh nan àireamhan sin ge-tà, ag ràdh nach eil an fhiosrachadh a chleachd an OBR a' toirt aire dhan bhuaidh a bhios aig an t-airgead a tha an-dràsta ga chosg air obair ola a leudachadh anns an àm ri teachd.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile