Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

25 Am Màrt 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Ìre na h-atmhorachd

Chaidh ìre na h-atmhorachd sìos a rèir clàr an CPI, bho 1.9% san Fhaoilleach gu 1.7% sa Ghearran. Thuirt Àrd-Rùnaire an Ionmhais, Danny Alexander, gur e dearbhadh a th' ann gu bheil poileasaidh eaconomaigeach Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte ag obair.

Mailèisia

Bha teaghlaichean ann an Sìona a' sabaid agus a' strì ri poilis agus iad a' caismeachd gu Ambasaid Mhailèisia ann am Beijing, agus fearg orra mun dòigh sam bheileas a' dèiligeadh ris an rannsachadh mun itealan a chaidh a dhìth bho chionn còrr is cola-deug. Tha Riaghaltas Shìona ag ràdh gum feum Mailèisia an fhìrinn innse agus dearbhadh a thoirt dhaibh air a' cho-dhùnadh gun deach am plèana sìos anns a' Chuan Ìnnseanach, le bàs a h-uile duine a bh' air bòrd.

Am Posta Rìoghail

Tha am Posta Rìoghail am beachd 1,600 cosnadh a ghearradh mar dhòigh air airgead a chùmhnadh. Thuirt a' chompanaidh gur anns a' phrìomh oifis agus am measg mhanaidsearan a bhios na gearraidhean. Thuirt an t-aonadh Unite gum bi iad ag obair còmhla ris a' Phosta Rìoghail airson smachd a chur air buaidh nan gearraidhean.

Sealtainn

Chaidh dithis iasgair a thoirt dhan ospadal ann an Learuig an dèidh dhan bhàta aca car a chur mas deach i fodha tràth sa mhadainn an-diugh far costa an iar Shealtainn. Chaidh heileacoptair nam maor-cladaich agus bàta-teasairginn a dhèanamh cobhair orra.

Uibhist a Tuath

Tha coltas ann gun tèid iarraidh a-rithist air muinntir Uibhist a Tuath beachdachadh air sealbh a ghabhail air an oighreachd air am bheil iad a' fuireach. Chaidh a' cheist a chur ri clàircean nam bailtean bho chionn dà bhliadhna agus ged a chaidh a' chuid mhòr dhuibh an aghaidh sin, cha deach a chur gu bhòt phoblach aig an àm. Chaidh innse do Chomhairle Choimhearsnachd Uibhist a Tuath a-raoir ge-tà, gu bheil comhairlichean na sgìre an dùil coinneamhean a chumail airson a' cheist a thogail a-rithist.

Eòin

Tha poilis a' rannsachadh an dèidh closaich sia eòin creachaidh fhaighinn air Taobh Sear Rois. Chaidh aon chlamhan agus còig chlamhain gobhlach fhaighinn marbh eadar Drochaid an Sgudail agus am Blàr Dubh an t-seachdain seo chaidh. Thuirt na poilis nach eil fhios aca aig an ìre seo dè a thug bàs dhaibh, ach gu bheil iad amharasach gun robh eucoir air choireigin ann.