Rannsachadh mu bhàs eun-creachaidh air Taobh Sear Rois

Clamhan gobhlach Image copyright Steve Mackay
Image caption Chaidh còig chlamhain ghobhlach fhaighinn marbh eadar Drochaid Sguideil agus am Blàr Dubh.

Tha Poilis na h-Alba a' rannsachadh às dèidh do chlosaich sia eòin-chreachaidh a bhith air an lorg air Taobh Sear Rois.

Chaidh aon chlamhan agus còig chlamhain ghobhlach fhaighinn marbh eadar Drochaid Sguideil agus am Blàr Dubh.

Chaidh na h-eòin-chreachaidh a lorg ann an diofar àiteachan, uile dlùth dha chèile, eadar an 18mh là agus an 24mh là den Mhàirt.

Thuirt na Poilis nach eil fhios aca aig an ìre seo dè a thug bàs dhaibh, ach gu bheil iad amharasach gun robh eucoir air choireigin ann.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile