Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

26 Am Màrt 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

SSE

Dh'innis SSE, aon de na sia companaidhean cumhachd mòra, gun cùm iad prìs a' ghas agus an dealain gun àrdachadh suas dhan Fhaoilleach ann an 2016. Thèid a' bhuidheann a sgaradh na dà leth - aon bhuidheann a' reic cumhachd ri dachannan agus gu coimearsalta, agus an roinn eile a' cruthachadh agus a' stòradh cumhachd. Tha a' chompanaidh ag obair an Alba mar Scottish Hydro, stèidhichte ann am Peairt.

Mailèisia

Thuirt Ministear Còmhdhail Mhailèisia na bu tràithe an-diugh gun do thog saideal dealbhan de chòrr is ceud rud ann am fìor cheann a deas a' Chuain Innseannaich, far a bheil iad a' coimhead airson a' phlèana a chaidh a dhìth bho chionn faisg air trì seachdainnean. Tha mòran de na càirdean nach gabh ris a' cho-dhùnadh gun do thuit an t-itealan dhan mhuir mur a bi dearbhadh ann air sin.

Sochairean

Bidh bhòt ann an Taigh nan Cumantan feasgar air plana Riaghaltas na Co-bhanntachd airson smachd a chur air a' mhòr-chuid de na sochairean sòisealta. Fon phlana, nach toireadh buaidh air peinnsean na stàite, bhiodh cosgais air sochairean ga cumail fo £120bn an ath-bhliadhna. Tha ceannardan Làbarach a' cur taic ris a' phlana, ach tha cùl-bheingearan Làbarach ann nach eil toilichte idir leis.

Neo-eisimeileachd

Tha an CBI, Caidreachas a' Ghnothachais agus a' Ghnìomhachais a' cur teagamh ann am plana Riaghaltas na h-Alba airson neo-eisimeileachd. Thuirt an CBI, nam freagairt oifigeil do Phàipear Geal Riaghaltas na h-Alba, nach eil plana ciallach ann airson easbhaidh na dùthcha, agus gu bheil mì-chinnt ann cuideachd mu shiostam airgid agus àite Alba neo-eisimeileach anns an Aonadh Eòrpach. Thuirt Riaghaltas na h-Alba gu bheil beachd an CBI "gu tur ceàrr".

Na Poilis air Ghàidhealtachd

Thèid innse do bhuill air Comhairle na Gàidhealtachd an-diugh mu phlanaichean nam Poileas airson an ath-thrì bliadhna. Thèid innse do chomataidh sàbhailteachd coimhearsnachd na Comhairle gur e sàbhailteachd air na rathaidean, mì-chleachdadh dhrogaichean agus deoch-làidir, agus dol-a-mach mì-shòisealta, cuid de na trioblaidean dham bi na Poilis a' toirt prìomhachais.

Bòrd na Gàidhlig

Thuirt Bòrd na Gàidhlig gum feum iad nas lugha de dh'obair rianachd a dhèanamh, agus tuilleadh de dh'obair leasachaidh anns na coimhearsnachdan. Dhearbh am Bòrd gu bheil iad a' gabhail smachd air an obair-leasachaidh choimhearsnachd a bha Comunn na Gàidhlig a' dèanamh, agus gu bheil na h-uimhir de luchd-obrach Chomunn na Gàidhlig a' gluasad gu bòrd na Gàidhlig air fo-chùmhnantan.