CBI a' cur teagamh ann am plana an Riaghaltais
- Air fhoillseachadh

Tha Caidreachas a' Ghnothachais agus a' Ghnìomhachais, an CBI, a' cur teagamh ann am plana Riaghaltas na h-Alba airson neo-eisimeileachd.
Thuirt an CBI, nam freagairt oifigeil do Phàipear Geal Riaghaltas na h-Alba, nach eil "plana earbsach" ann airson dèiligeadh ri easbhaidh na dùthcha.
Thuirt Leas-Phrìomh Mhinstear na h-Alba, Nicola Sturgeon, gun robh an aithisg "aon-thaobhach".
Air an 18mh là den t-Sultain, thèid sluagh na h-Alba gu na bocsaichean-baileit airson co-dhùnadh a dhèanamh mu àm ri teachd na h-Alba.
Thèid faighneachd dhan luchd-bhòtaidh: "Am bu chòir do dh'Alba a bhith na dùthaich neo-eisimeileach?" Bidh dà roghainn aca - "bu chòir" no "cha bu chòir".
Co-dhùnadh
Thuirt an CBI roimhe gum biodh e na b' fheàrr do Bhreatainn fuireach san Aonadh Eòrpach.
San t-Samhain an-uiridh, dh'innis a' bhuidheann gun do rinn iad tomhas air gach taobh den chùis, agus gun tàinig iad dhan cho-dhùnadh gum biodh e na b' fheàrr do Bhreatainn fuireach anns an AE, agus feuchainn ri leasachadh a thoirt air, seach na chailleadh an Rìoghachd le bhith a' fàgail.
Thuirt Àrd-Ofigear na buidhne, John Cridland: "Cho luath 's a chuireas tu loidhne eadar Gretna agus Bearaig, thig sgaradh eadar Alba agus a' mhargaidh as motha a th' aice agus caillidh i tomhas math de a creideas eaconamach.
"Chan eil am plana eaconamach sa Phàipear Gheal cothromach. Cha deach feart a thoirt air dèiligeadh ri easbhaidh na dùthcha, an àite sin 's ann a thathar a' gealltainn tuilleadh airgid nach eil aca a chosg."
Iomagaineach
Thuirt a' bhuidheann gu bheilear iomgaineach mun bhuaidh a dh'fhaodadh a bhith aig neo-eisimeileachd air prìomh roinnean eaconamach na h-Alba - nam measg, dìon, seirbheisean ionmhais, cumhachd, biadh is deoch, agus foghlam aig àrd ìre.
Thuirt an CBI gu bheil mì-chinnt ann cuideachd mu shiostam airgid agus àite Alba neo-eisimeileach anns an Aonadh Eòrpach.
Thuirt Riaghaltas na h-Alba gun robh an CBI "gu tur ceàrr", nach robh iad a' dèanamh dealbh ceart de dh'eaconamaidh na h-Alba agus gum biodh Alba am measg nan dùthchannan as beartaiche san t-saoghal.
Mar fhreagairt dhan aithisg, thuirt Ms. Sturgeon: "Rinn an CBI na h-aon argamaidean an aghaidh fèin-riaghlaidh, agus chaidh dearbhadh gun robh na h-argamaidean sin gu tur agus gu lèir ceàrr.
"Gu mì-fhortanach, tha an aithisg seo a' mì-riochdachadh na fìrinne mu neo-eisimeileachd ann an grunn dhòighean - bidh Alba neo-eisimeileach fhathast a' malairt gun strì ris a' chòrr den Rìoghachd Aonaichte, gu maith a h-uile duine - agus 's e referendum Westminster an aon rud a chuireas bacadh air ballrachd na h-Alba san Aonadh Eòrpach."
Taic
Chuir a' bhuidheann Business for Scotland, a tha a' cur taic ri neo-eisimeileachd, taic ri beachdan an Leas-Phrìomh Mhinisteir.
Thuirt iad gun robh iad den bheachd gum biodh an dùthaich "nas fheàrr dheth a thaobh ionmhais le làn-chumhachdan neo-eisimeileachd".
Thuirt ceannard na h-Iomart Nas Fheàrr Còmha, Alistair Darling, gur e aithisg chudromach a tha seo.
Thuirt e: "Tha a bhith mar phàirt den Rìoghachd Aonaichte math dha eaconamaidh na h-Alba.
"Tha e a' toirt tèarainteachd do chosnaidhean thar na dùthcha agus a' cumail chosgaisean sìos a thaobh mhorgaidsean, càirtean creideis, iasadan càir agus anns na bùithdean. Bhiodh a bhith a' fàgail na Rìoghachd Aonaichte a' ciallachadh chosgaisean a bharrachd, nas lugha de dh'obraichean agus ghearraidhean ann an seirbheisean poblach.
Tha an CBI a' riochdachadh mu 240,000 gnìomhachas anns an Rìoghachd Aonaichte.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh25 An t-Samhain 2013