Seòlaidhean a bharrachd do dh'Ìle

MV Fionn Lagan
Image caption Bidh na seòlaidhean a bharrachd ann tron t-Samhradh a-mhàin.

Tòisichidh clàr-ama an t-Samhraidh aig Caledonian Mac a' Bhriuthainn seachdain Dihaoine agus tha muinntir Ìle a' cur fàilte air còig seòlaidhean a bharrachd san t-seachdain gu Tìr Mòr.

Bidh ceithir seòlaidhean a bharrachd ann as t-Samhradh gu Ceann na Creige agus seòladh eile dhan Òban.

Bidh seòlaidhean a bharrachd ann Diluain, Dimàirt, Diardaoin agus Dihaoine.

Seòlaidh am bàta eadar Ìle agus an t-Òban Diciadain agus Disathairne, taobh Cholbhasa.

Piseach

"Bidh e a' dèanamh diofair mhòir airson an luchd-turais," thuirt Sìne NicEalair, a tha a' fuireach an Ìle.

"Ach cuideachd airson daoine às Ìle, oir nuair a tha sinn ag iarraidh a dhol gu Tìr Mòr, tha sinn ag iarraidh gum faigh sinn air a' bhàt'-aiseig.

"Chan e nuair a bhios tu a' cur fòn thuca 's bidh iad ag ràdh 'o, tha thu air standby'.

"Bu chòir dhuinn a bhith a' faotainn air a' bhàta nuair a tha a dhìth oirnn. Nam bheachd-sa co-dhiù," thuirt i.

Gearainnean

Bha gearainnean ann an-uiridh nach robh rùm gu leòr air a' bhàt'-aiseig, agus gun robh luchd-turais a' cluinntinn nach fhaigheadh iad a-null chun an eilein nuair a bha iad ag iarraidh a dhol.

Bha muinntir nan taighean-aoigheachd 's nan taighean-òsta san eilean a' gearain nach robh daoine a bh' air seòmraichean a bhucadh leotha a' nochdadh ri linn.

"Nuair a tha Caledonian Mac a' Bhriuthainn ag ràdh riut 'chan eil rùm air a' bhàta' carson a thigeadh tu? Dheadh tu a dh'àiteigin eile," thuirt a' Bh. NicEalair.

"Chan eil an seusan ach goirid. Agus tha feum aig gnìomhachasan an eilein air a h-uile duine," thuirt i.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile