11 eun-creachaidh mharbh gan lorg
Dh'èirich an àireamh de dh'eòin-chreachaidh a chaidh fhaighinn marbh air taobh sear Rois gu 11.
Chaidh closaichean nan clamhan agus nan clamhan-gobhlach a lorg san sgìre mu Dhrochaid Sguideil agus am Blàr Dubh.
Chaidh innse na bu thràithe an t-seachdain seo gun deach sia eòin fhaighinn marbh, agus dh'iarr na Poilis fiosrachadh bhon phoball mu chàil a bha a' dol air adhart san sgìre a bha amharasach, no nan lorgadh iad closaichean eile.
Tha na Poilis a' rannsachadh na thug bàs do na h-eòin, a tha air an dìon.
Thuirt iad gu bheil iad an dùil gu bheil eucoir an sàs sa chùis.