Bùth choimhearsnachd san amharc an Tiriodh

Bùth MhicLeòid Image copyright Geograph/Roger McLachlan
Image caption On a dhùin Bùth MhicLeòid, chan eil ach aon bhùth air fhàgail san eilean - an Co-op

Bhòtaidh muinntir Thiriodh Disathairne air molaidhean gum biodh bùth choimhearsnachd air fhosgladh san eilean.

Tha beachd ann gum faodadh a' choimhearsnachd Bùth MhicLeòid, a th' air a bhith air a' mhargaidh fad dà bhliadhna, a ghabhail os làimh.

On a dhùin Bùth MhicLeòid, chan eil ach aon bhùth air fhàgail san eilean - an Co-op.

Thuirt Donna NicIlleathain bho Urras Thiriodh: "Chan eil sinn den bheachd gu bheil sin gu leòr airson a' choimhearsnachd againn."

An dèidh dhi dùnadh, chuir an t-Urras buidheann-stiùiridh air chois airson sùil a thoirt co-dhiù am b' urrainn don choimhearsnachd a' bhùth a cheannach.

Chaidh bileagan fiosrachaidh a sgaoileadh dhan h-uile dachaigh san eilean mun phlana, agus beachd an t-sluaigh a-nis ga shireadh.