Clegg: Tha "aonachd" a dhìth

Nick Clegg Image copyright Reuters
Image caption Tha ceannard nan Lib-Deamach làidir den bheachd gu bheil e cudromach gu bheil luchd-taic an Aonaidh uile aonaichte air an seo.

Dh'iarr ceannard nan Libearalach Deamocratach, Nick Clegg, air luchd-taic an Aonaidh a bhith "aonaichte" air thoiseach air an referendum air neo-eisimeileachd do dh'Alba.

A' bruidhinn aig co-labhairt Albannach a' phàrtaidh an Obar Dheathain, thuirt an Leas-Phrìomhaire gum biodh bhòt an aghaidh neo-eisimeileachd na "cheum mòr air adhart" gus Pàrlamaid na h-Alba a neartachadh.

Anns an òraid aige, thuirt Mgr Clegg nach robh e gu leòr do luchd an Aonaidh, agus na Lib-Deamaich gu sònraichte, a bhith a' bruidhinn mu dheidhinn nan duilgheadasan a dh'fhaodadh a bhith ann ma bhòtas Alba airson neo-eisimeileachd, ach gum feumar smaoineachadh mu na cothroman a bhiodh ann do dh'Alba mar phàirt den Rìoghachd Aonaichte.

Thuirt e nach robh e gu leòr a bhith a' dèanamh argamaidean, 's gum bu chòir agus gum feumadh luchd an Aonaidh a bhith ag obair air cridhe an luchd-bhòtaidh cuideachd.

Cumhachdan

Bhruidhinn an Leas-Phrìomhaire cuideachd air tuilleadh chumhachdan do Phàrlamaid na h-Alba.

Thuirt e nach biodh bhòt an aghaidh neo-eisimeileachd a' ciallachadh nach tigeadh barrachd chumhachdan do Phàrlamaid na h-Alba, ach an caochladh.

A bharrachd air an sin, thuirt e gum bu chòir do luchd an Aonaidh a bhith air an aon ràmh agus nach bu chòir dhaibh a bhith a' sabaid eatorra.

Tha ceannard nan Lib-Deamach làidir den bheachd gu bheil e cudromach gu bheil luchd-taic an Aonaidh uile aonaichte air an seo.

Thuirt e gum fàgadh sin gum biodh fuireach anns an Rìoghachd Aonaichte co-dhiù cho tarraingeach ri bhith ga fàgail.

A rèir na h-iomairt airson neo-eisimileachd, bidh mòran aig a' cho-labhairt a' tuigsinn gur e neo-eisimeileachd an aon dòigh air Alba nas cothromaiche a chruthachadh.

Ach ged a dh'aidich e nach robh Breatainn fhèin coileanta, mar a chuir e fhèin e, cha robh e den bheachd gun robh sin na adhbhar airson Alba a bhith ga fàgail.

Dùbhlain

Tha sreath de dhùbhlain ron phàrtaidh: an ath-bhliadhna, an taghadh choitcheann airson Taigh nan Cumantan, agus ron sin an referendum air neo-eisimeileachd.

Cha robh e follaiseach na òraid gun robh na dùbhlain sin ron phàrtaidh agus cha do chuir Mgr Clegg cus ùine seachad a' dìon a' cho-dhùnaidh aigesan a dhol ann an co-bhanntachd le na Tòraidhean.

A' chiad dhùbhlan a tha roimpe ge-tà, 's e an taghadh Eòrpach sa Chèitean am-bliadhna, far am bi am pàrtaidh a' sabaid gu cruaidh gus feuchainn ri dìon a dhèanamh air an aon Bhall-Pàrlamaid Eòrpach a th' aca ann an Alba, Seòras Lyon.

Ann an oidhirp air sin a dhèanamh, rinn Mgr Clegg ceangal eadar an referendum air neo-eisimeileachd agus seasamh a' phàrtaidh air an Roinn Eòrpa, ag ràdh gum b' iad na Lib-Deamaich an aon phàrtaidh a bha airson Alba a bhith taobh a-staigh an Rìoghachd Aonaichte agus an Rìoghachd Aonaichte a bhith mar phàirt den Aonadh Eòrpach.

Image caption Thuirt Uilleam Rennie gum bu chòir cuir às do "chìs an t-seòmair chadail cho luath 's a ghabhas"

Na bu tràithe air an là, thuirt ceannard nan Libearalach Deamocratach ann an Alba, Uilleam Rennie, gu bheil deagh choltas ann gum faodadh Alba bhòtadh airson neo-eisimeileachd.

Thuirt Mgr Rennie, ann an agallamh leis a' BhBC ron cho-labhairt ann an Obair Dheathain, gu bheil teansa ann gum bhòt Alba airson an Rìoghachd Aonaichte fhàgail anns an referendum san t-Sultain, agus gur ann air an adhbhar sin a tha e cudromach gealltanas tarraingeach a thoirt dhan t-sluagh 'son fuireach anns an Aonadh.

Thuirt e cuideachd gum bu chòir cuir às do "chìs an t-seòmair chadail cho luath 's a ghabhas".

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile