Fireannach air bàsachadh air Beinn Nibheis

Bhàsaich sreapadair às dèidh dha tuiteam air Beinn Nibheis.

Thuirt Poilis na h-Alba gun robh an duine, aois 57 à Glaschu, a' sreap còmhla ri fireannach eile air taobh tuath na beinne ann an Loch Abar.

Thachair an tubaist mu 11.00m Disathairne.

Thuirt na poilis nach tèid ainm fhoillseachadh gus an tèid fios a leigeil gu a theaghlach.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile