Baileat air bùth choimhearsnachd Thiriodh

Air fhoillseachadh
Tùs an deilbh, Geograph/Roger McLachlan
Fo-thiotal an deilbh, On a dhùin Bùth MhicLeòid, chan eil ach aon bhùth air fhàgail san eilean - an Co-op

Thòisich muinntir Thiriodh a bhòtadh Disathairne air am bu chòir dhaibh bùth choimhearsnachd a stèidheachadh san eilean.

Tha beachd ann gum faodadh a' choimhearsnachd Bùth MhicLeòid, a th' air a bhith air a' mhargaidh fad dà bhliadhna, a ghabhail os làimh.

On a dhùin Bùth MhicLeòid, chan eil ach aon bhùth air fhàgail san eilean - an Co-op.

Chaidh bileagan fiosrachaidh a sgaoileadh dhan h-uile dachaigh san eilean mun phlana, agus beachd an t-sluaigh a-nis ga shireadh.

Dh'innis Eilidh Chaimbeul, a th' air a' bhuidhinn-stiùiridh a tha air a bhith a' rannsachadh na cùis, gun do bhòt timcheall air 100 duine sa bhaileat air an deireadh-sheachdain, agus gu bheil beagan làithean aig daoine fhathast na bhòtaichean aca a chur a-steach.

Faodar bhòtadh air-loidhne, no tha bogsaichean-baileat anns a' Cho-op agus ann an Oifis an Urrais.

Dùinidh a' bhòt air Disathairne 5mh là den Ghiblean.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh