Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

31 Am Màrt 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Blàthachadh na cruinne

Tha aithisg ùr bho na Dùthchannan Aonaichte air blàthachadh na cruinne ag ràdh ma leanas truailleadh càrboin, gun adhbharaich e tuilleadh thuiltean, goirt, galairean agus fiù 's cogadh sìobhalta. Tha aithisg pannal an UN ag ràdh gur e seo an tomhas as fheàrr fhathast air a' bhuaidh a bheir blàthachadh na cruinne air mac-an-duine. Aig an aon àm, tha Comann Dìon an Eunlaith ann an Alba ag ràdh gum feum brosnchadh as ùr a thoirt air an iomairt an aghaidh atharrachadh san aimsir.

Ugràin

Cha tàinig adhartas sam bith à fad ceithear uairean a thìde de chòmhraidhean eadar na Stàitean Aonaichte agus an Ruis mu shuidheachadh an Ugràin. Thuirt Ministeir Cèin na Ruis, Sergei Lavrov, gum feum iad stàit fheadaraileach a dhèanamh den Ugràin. Thuirt Rùnaire nan Stàitean Aonaichte, John Kerry, gu bheil Ameireagaidh fhathast den bheachd gu bheil an rud a rinn an Ruis sa Chrimea mì-laghail.

A9

Thòisich obair an-diugh air siostam camara a chur air rathad an A9 airson smachd a chur air astar. Tha a' chiad phàirt den sgeama air an earrainn den rathad eadar Inbhir Nis agus Peairt. Tha luchd-gnothaich agus luchd-poileataigs am measg na tha a' cur an aghaidh nan camarathan, agus iad ag ràdh gum biodh e na b' fheàrr leigeil le làraidhean mòra barrachd astair a dhèanamh mar dhòigh air an rathad a dhèanamh nas sàbhailte.

Network Rail

Thuirt Network Rail gu bheil iad am beachd £38m a chosg air leasachadh na rèile thairis air còig bliadhna. Togaidh iad loidhnichean ùra, thèid stèiseanan a leasachadh agus thèid feadhainn de na loidhnichean a th' ann a chàradh. Tha dùil gun tèid càin de £70m air Network Rail a dh'aithghearr airson maill air na seirbheisean aca.

Hillsborough

Tha sgrùdadh as ùr a' tòiseachadh an-diugh air bàs 96 de luchd taic ball-coise Liverpool aig Hillsborough ann an Sheffield ann an 1989. Chaidh an sgrùdadh ùr seo iarraidh an dèidh cuir às, bho chionn dà bhliadhna, do bhreith a' chiad rannsachaidhean.

MV Isle of Lewis

Thuirt Caledonian Mac a' Bhriuthainn gur e trioblaid eleactronaigeach as coireach nach do sheòl an Isle of Lewis an-diugh. Thuirt CalMac gu bheil sgioba de luchd-obrach a' dèanamh air Steòrnabhagh an-dràsta a thomhas de ghabhas dèanamh. Ma thèid an seòladh aig 1.50f à Steòrnabhagh a chur dheth, bheir busaichean luchd-siubhal gun chàraichean dhan Tairbeart airson seòladh aig 4.00f às an sin.