Alasdair MacIlleMhìcheil
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Rabhadh bho Rùnaire na h-Alba

31 Am Màrt 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha an ceòl air feadh na fidhle san deasbad mu neo-eisimeileachd.

Às dèidh seachdainean mòra far a bheil pàrtaidhean an Aonaidh air a dhol às àicheadh gum biodh aonadh-airgid ann le Alba neo-eisimeileach, thuirt ministear aig Westminster gum faodadh an leithid de dh'aonta a bhith ann.

Thug sin spionnadh don iomairt "Bu chòir", ach chuir e an dearg-chaothach air pàrtaidhean an Aonaidh.

Aig co-labhairt nan Lib-Deamach an Obar Dheathain, thug Rùnaire na h-Alba rabhadh gum faodadh "Bu chòir" buannachadh.