Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

1 An Giblean 2014 Ùraichte aig Ùraichte aig

Bun-phrìs an Deoch-làidir

Tha buidheann de dhotairean am measg na chuir litir gu Comann Uisge-beatha na h-Alba ag iarraidh orra sguir den iomairt laghail an aghaidh bun-phrìs air deoch-làidir ann an Alba. Bha lagh ùr a bheireadh cead do bhun-phrìs ri tòiseachadh aig an àm seo an-uiridh, ach chuir a tagradh laghail maill air sin. Tha luchd-iomairt ag ràdh gum biodh sin air 60 beatha a ghlèidheadh mar thà, a bharrachd air gearradh air ais air eucoir, agus an àireamh dhaoine a b'fheudar a dhol dhan ospadal. Tha Comann an Uisge-bheatha ag ràdh ge-tà, nach obraicheadh an lagh ùr, agus nach cuireadh e bacadh sam bith air feadhainn a tha ag òl cus.

Am Post Rìoghail

Chuir an Riaghaltas dìon air an dòigh san do reic iad am Post Rìoghail. Tha Oifis Nàiseanta an Sgrùdaidh ag ràdh nach d' fhuair luchd-pàighidh na cìse luach às. Tha luach £5.63sg a-niste anns na h-earrainnean a chaidh a reic an-uiridh air £3.30sg. Tha Oifis Nàiseanta an Sgrùdaidh ag ràdh gun deach na h-earrainnean a reic air prìs ro bheag.

Loch Baghasdail - Malaig

Tha a' chiad ùine den sgeama deuchainn air seirbheis-aiseig eadar Malaig is Loch Baghasdail a' tighinn gu ceann an-diugh. Tha gearain ann air cho tric 's a chaidh an t-seirbheis a chur dheth air a' Gheamhradh, agus àireamhan oifigeil ag ràdh nach do sheòl i ach dàrna turas a bha còir aice. Tha fear de chomhairlichean Uibhist a Deas, Raghnall MacFhionnghain, ag ràdh gur e seirbheis fad na bliadhna an aon dòigh air tomhas ceart a dhèanamh.

MV Isle of Lewis

Tha Comhairle nan Eilean Siar am measg na tha a' gearain a-rithist air an t-seirbheis-aiseig a tha Caledonian Mac a' Bhriuthainn a' toirt dhaibh eadar Steòrnabhagh agus Ulapul. Bhris an Isle of Lewis a' bhòn-dè le rudeigin ceàrr air siostam eileactronaigeach a' bhàta, agus thàinig an Isle of Arran na h-àite. Thuirt CalMac gu bheil iad fhèin a cheart cho tàmailteach mun t-suidheachadh 's a tha feadhainn a tha a' gearain, agus dh'iarr iad an leisgeul a ghabhail.

Tidsear Bharraigh

Chaidh tidsear àrd-sgoile ann am Barraigh a chur far chlàr teagaisg na h-Alba. Thuirt Comhairle Choitcheann Teagaisg na h-Alba gun robh sreath mhearachdan agus laigse ann an obair Janice Ross, a bha na tidsear Beurla ann an Sgoil Bhàgh a' Chaisteil. Tha ise a' dol às àicheadh nan casaidean sin.

Glasraich is Measan

Tha rannsachadh aig colaiste Oilthigh Lunnainn ag ràdh nach eil na còig pìosan lusan agus mheasan a thathas a' moladh ithe a h-uile là a' dol fada gu leòr. Tha rannsachadh ag ràdh gu bheil mòran a bharrachd buannachd do shlàinte ann an seachd pìosan, agus gum bu chòir fiù 's beachdachadh air deich gach là.