Tidsear am Barraigh ga toirt far chlàr an luchd-teagaisg
- Air fhoillseachadh
Chaidh tidsear àrd-sgoile ann am Barraigh air an robhas a' fàgail gun robh i a' toirt prìomhachais do chuid de sgoilearan seach cuid eile, a thoirt far chlàr an luchd-teagaisg.
Bhathas cuideachd a' fàgail air Janice Ross, 49, gun do dh'fhailich oirre na cuid obair-clas, agus gun robh i ionnsaigheach ri luchd-obrach eile.
Tha a' Bh. Ross, a bha a' teagasg na Beurla aig Sgoil Bhàgh a' Chaisteil, a' dol às àicheadh nan casaidean.
Chuala èisteachd gum biodh i a' gabhail "groupies" air na sgoilearan a b' fheàrr leatha, 's gum biodh i a' magadh air sgoilearan nach bu thoil leatha.
Tha na casaidean a' comharrachadh ùine eadar am Faoilleach 2007 agus an Lùnastal 2010.
Thuirt Comhairle Choitcheann Teagaisg na h-Alba, (GTCS) gun do dh'fhailich oirre a clas a ruith gu ceart, agus draghan mu dhìon na cloinne aithneachadh.
Am measg na fianais a chuala an t-èisteachd, bha nach do dh'innis i don sgoil mu sgoilear a bh' air an t-eilean fhàgail le fireannach, 24, a bha na leannan dhi.
Chuala an t-èisteachd cuideachd gum biodh a' Bh. Ross a' giùlain sgoilearan na càr, ged nach robh làn-chead-dràibhidh aice, agus gum biodh i a' bruidhinn gu mì-iomchaidh mu co-obraiche na cuid chlasaichean.
Thuirt ball eile de luchd-obrach na sgoile gun robh a' Bh. Ross ionnsaigheach rithe, agus gun do thog i ceistean mu a cuid foghlaim phrìobaidich.
Chan eil cead aig a' Bh. Ross tagradh a dhèanamh airson a dhol air ais air a' chlàr gu an ceann dà bhliadhna eile.
Chuir an GTCS a' chùis air adhart gu ministearan an Riaghaltais Albannaich feuch am bu chòir a casg bho a bhith ag obair còmhla ri cloinn.
Tha cead aig a' Bh. Ross ath-thagradh a dhèanamh an aghaidh co-dhùnadh an GTCS.