Mì-thoileachas mun Isle of Lewis

  • Air fhoillseachadh
Fo-thiotal a’ bhidio,

Mì-thoileachas mun Isle of Lewis

Nochd fear-gnothaich à Leòdhas beachd gum feum muinntir an eilein seasamh aig Caledonian Mac a' Bhruthainn airson seirbheis aiseig nas fheàrr fhaighinn.

Tha Seonaidh MacRisnidh am measg na bha a' gearain agus an MV Isle of Lewis na tàmh a-rithist agus rudeigin ceàrr air siostam eleactronaigeach a' bhàt-aiseig.

Chuireadh an MV Isle of Arran na h-àite air an t-slighe eadar Steòrnabhagh agus Ulapul.

Tha Mgr MacRisnidh ag ràdh gum bu chòir do Chomhairle nan Eilean Siar a bhith a' dèanamh barrachd mun t-suidheachadh.

Thuirt Caledonian Mac a' Bhruthainn gun robh iad a' cheart cho searbh mun t-suidheachadh 's a bha daoine eile, agus thabhainn iad leisgeul air duine sam bith a dh'fhulaing maill ri linn nan trioblaidean teicnigeach.

Call

Thuirt Seonaidh MacRisnidh, aig a bheil taigh-òsta ann am baile Steòrnabhaigh, gu bheil esan a' call airgid ri linn nan aiseagan a bhith a' briseadh sìos.

"Tha sinn an dèidh call airgead mòr anns na sia mìosan a chaidh seachad air sgàth cho tric 's a tha i a' briseadh sìos.

"Chan e a-mhàin gu bheil i a' briseadh sìos, ach 's e mìorbhail a th' ann an-diugh gu bheil i a' dol a-mach idir.

"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil e na chùis nàire mar a tha an t-aiseag a' briseadh sìos cho tric," thuirt e.

Chan eil Mgr MacRisnidh ro mhisneachail gun atharraich cùisean nuair a thig an t-aiseag ùr, an MV Loch Seaforth, nas motha, 's e den bheachd nach eil CalMac a' toirt èisteachd cheart do dhaoine.

Ach, aig a' cheart àm, bheachdaich e gur e muinntir an eilein fhèin as coireach, gu ìre.

"An t-seòrsa dhaoine a th' annainn, gabhaidh sinn ri rud sam bith a th' air a thilgeil oirnn.

"Gus an seas sinn an-àirde riutha agus gus an can sinn "Tha siud gu leòr", tha mi a' smaoineachadh gu bheil iad a' dol a chumail a' dol mar a tha," thuirt Mgr MacRisnidh.

Às àicheadh

Chaidh Cathraiche Comataidh na Còmhdhail aig Comhairle nan Eilean Siar, Iain MacAoidh, às àicheadh nach eil a' Chomhairle a' dèanamh gu leòr airson dèanamh cinnteach gu bheil Caledonian Mac a' Bhruthainn a' toirt seirbheis cheart dhan choimhearsnachd.

Thuirt Mgr MacAoidh gu bheil e gu math tàmailteach gu bheil seo air tachairt a-rithist.

"Tha seo a' tachairt ro thric. Ged a thachradh e aon uair an-dràsta 's a-rithist, ach 's e cho tric 's a tha e a' tachairt.

"Tha sinne mar Chomhairle, tha sinn an dèidh a bhith a' sabaid ri CalMac bho chionn fhada airson na seirbheis a tha sinn a' faighinn anns na h-Eileanan a tha seo.

"Chan eil e math gu leòr."

Thuirt Mgr MacAoidh nach eil cuimhne aigesan air àm far an robh an t-seirbheis cho cugallach, ach gu bheil e dòchasach gun tig piseach air cùisean nuair a thig an Loch Seaforth as t-Samhradh.

Thuirt CalMac gum bi beachd nas fheàrr aca air suidheachadh an Isle of Lewis, agus air cuin a bhios i deiseil 'son tilleadh gu seirbheis, nuair a tha eòlaichean air sgrùdadh a dhèanamh oirre.

Thuirt iad gu bheil iad fhèin a' cheart cho tàmailteach mun ghnothach 's a tha a h-uile duine eile, agus gu bheil iad duilich airson troimhe-chèile sam bith a dh'èirich air sgàth nan trioblaidean teicnigeach.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh