Pròiseact bhann-leathann ga chàineadh
- Air fhoillseachadh

Chaidh Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte agus BT a chàineadh mun doigh anns an deach iad an sàs ann am prògram a chosg £1.2bn airson seirbheis bhann-leathann a chur dha na sgìrean iomallach.
Tha Comataidh nan Cunntasan Poblach ann an Westminster a' cur teagamh ann an cosgais na sgeama agus thuirt iad nach eil fiosrachadh gu leòr ann mu mheud agus astair na seirbheis ùire.
Thuirt a' chomataidh cuideachd gu bheil fathannan ann gu bheil BT ann an suidheachadh far an tèid aca air "cur às do dh'fharpais sam bith" anns a' ghnìomhachas.
Tha a' chompanaidh agus an Riaghaltas air iad fhèin a dhìon.
"Tha e tàmailteach gu bheil a' chomataidh a' leantainn orra a' feuchainn ri tuill a lorg sa phrògram," thuirt labhraiche bho BT.
Luach an airgid
"Tha BT a' toirt luach an airgid seachad agus tha Oifis Nàiseanta a' Mhodh-sgrùdaidh air aithneachadh gu bheil pròiseasan làidir an sàs a nì cinnteach den sin.
"A thaobh nam mapaichean, tha a' mhòr-chuid de chomhairlean air mapaichean fhoillseachadh le taic bhuainne. Thèid fiosrachadh nas mionaidiche fhoillseachach leotha nuair a tha sgrùdaidhean dèante agus nuair a tha fios againn le cinnt gu bheil sinn a' dol gu àite."
Thuirt ministear a' Chonaltraidh, Ed Vaizey, gun robh Ofgem o chionn ghoirid air bann-leathann na RA a rangachadh air thoiseach air dùthchannan eile.
"'S ann aig Breatainn a tha am bann-leathann fìor luath as fheàrr a-mach às na còig prìomh eaconamaidhean Eòrpach," thuirt e.
Thuirt e gu bheil planaichean an Riaghaltais air thoiseach air a' chlàr-ama, agus gu bheil na mìltean de dhachaighean 's de ghnìomhachasan a' faighinn buannachd bhon sgeama mar-thà.
Eileanan na h-Alba
Thàinig bann-leathann fibre-optic ceum nas fhaisge do choimhearsnachdan eileanan na h-Alba san Dùbhlachd nuair a chaidh fhoillseachadh gum bi 20 ceangail ùr gan togail, bho Westray ann an Arcaibh mu thuath, sìos gu Ceann Loch Cille Chiarain aig deas.
Tha mu 400 cilemeatair de chàball fibre-optic gu bhith gan cuir air grunnd na mara - am pròiseact as motha a rinn BT ann an uisgeachan Bhreatainn a-riamh.
Tha an ceangal as fhaide gu bhith eadar Ulapul agus Steòrnabhagh - astar cha-mhòr 50 mìle.
Bidh ceangal eile ann tarsainn a' Chuain Sgìth, eadar Carnan an Uibhist a Deas gu Dùn Bheagain.
Tha am pròiseact mar phàirt de phlana Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean gus bann-leathainn luath a thoirt do 84% de taighean agus gnìomhachasan ro dheireadh 2016.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- 23 An Dùbhlachd 2013
- 26 Am Màrt 2013