Buill ùra do Bhòrd na Gàidhlig

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
'S e Bòrd na Gàidhlig a' bhuidheann cànan nàiseanta.

Dh'fhoillsich Ministear na Gàidhlig, Alasdair Allan, gu bheil triùir bhall ùra gan ainmeachadh airson Bòrd na Gàidhlig.

'S e Bòrd na Gàidhlig a' bhuidheann cànan nàiseanta.

Tha dleastanas aig a' Bhòrd dèanamh cinnteach gum bi a' Ghàidhlig seasmhach san àm ri teachd, tuigse agus cleachdadh na Gàidhlig a bhrosnachadh agus taic a thoirt do dh'fhoghlam agus cultar na Gàidhlig.

Image caption Tha an Dr Fiona O'Hanlon na neach-rannsachaidh aig Oilthigh Dhùn Èideann.

'S iad na buill ùra Dòmhnall MacLeòid, Ailean Dòmhnallach agus Fiona O'Hanlon.

Mairidh na dreuchdan ceithir bliadhna bho 1mh an Giblean, 2014 gu 31mh am Màrt, 2018.

Fiona O'Hanlon

Tha an Dr Fiona O'Hanlon na neach-rannsachaidh aig Oilthigh Dhùn Èideann.

Tha i ag obair do Shoillse - lìonra rannsachaidh stèidhichte eadar grunn oilthighean a tha a' cruthachadh bunait rannsachaidh a chuidicheas gus poileasaidhean a dhealbh airson na Gàidhlig ann an Alba.

Ailean Dòmhnallach

Image caption Tha Ailean Dòmhnallach air a bhith ag obair fad 37 bliadhna ann an craoladh Gàidhlig.

Tha Ailean Dòmhnallach air a bhith ag obair fad 37 bliadhna ann an craoladh Gàidhlig, ann an Telebhisean is Rèidio an lùib obair riochdachaidh agus mar mhanaidsear, agus tha e an-dràsta na Àrd-oifigear airson na companaidh telebhisein mneTV.

Tha e cuideachd na stiùiriche aig purpleTV, companaidh a bhios a' cruthachadh susbainnt dhidseataich agus a' dèanamh phrògraman telebhisein.

Chuir e seachad 12 bliadhna ag obair aig a' BhBC, 2 bhliadhna aig Grampian TV agus tha e air a bhith ag obair 25 bliadhna aig companaidhean TBh neo-eisimeileach.

Tha e air obair a dhèanamh mar Àrd-riochdaire, Riochdaire is Stiùiriche air raon farsaing de phrògraman, leithid phrògraman aithris, creideimh, comadaidh is ciùil.

Dòmhnall MacLeòid

'S ann à Càrlabhagh ann an Eilean Leòdhais a tha Dòmhnall MacLeòid.

Image caption 'S ann à Càrlabhagh ann an Eilean Leòdhais a tha Dòmhnall MacLeòid.

Bha e air a' chiad chlas a chaidh a theagasg tron Ghàidhlig ann am Bun-sgoil Chàrlabhaigh. Rinn e Gàidhlig is Poilitigs ann an Oilthigh Obar Dheathain agus thug e a-mach teisteanas teagaisg airson àrd-sgoiltean an sin cuideachd.

Às dèidh dha a' bhliadhna dhearbhaidh aige a chur seachad a' teagasg sna h-Eileanan an Iar, chaidh e a theagasg ann an Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis.

Tha Dòmhnall air tilleadh a Leòdhas o chionn ghoirid agus tha e a-nis a' teagasg Chuspairean Sòisealta tron Ghàidhlig agus Eòlas Creideimh is Moraltachd (RME) ann an Sgoil MhicNeacail.

Tha e air a bhith an sàs ann an grunn iomairtean is bhuidhnean coimhearsnachd, nam measg tha comainn is urrasan coimhearsnachd, comainn eachdraidh, obair òigridh, eaglaisean is còisirean.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile