Teine mòintich mòr ann an Leòdhas

  • Air fhoillseachadh

Tha luchd-smàlaidh a' feuchainn ri smachd fhaighinn air teine mòintich ann an Leòdhas.

Thòisich an teine air an Achadh Mhòr mu 4:30f Dimàirt.

Tha an teine ann an sgìre còig cileamatairean ceàrnagach de mheud ach chan eil togalaichean sam bith ann an cunnart.

Bha eagal gum faodadh gun ruigeadh an teine craobhan aig Gearraidh na h-Aibhne, ach tha an t-seirbheis-smàlaidh ag ràdh nach eil cus iomagain orra mu sin a-nise.

Bha geamair a' cumail sùil air an t-suidheachadh tron oidhche.