Aimhreit mu thuath-gaoithe 's an MoD
- Air fhoillseachadh

Chaidh a' chùis a ghairm gu Riaghaltas na h-Alba air sgàth beachd an MoD.
Tha aimhreit air èirigh mun dòigh san do chuir Ministreachd an Dìon an aghaidh tuath-gaoithe ann an Uibhist a Tuath.
Tha comhairliche a' cumail a-mach gun do chùm an MoD fiosrachadh bho Chomhairle nan Eilean Siar nuair a bha an tuath-gaoithe a' dol tro shiostam dealbhachaidh an ùghdarrais.
Thuirt an MoD aig an àm gun dèanadh an tuath-gaoithe, aig a' Chlachan, cron air an rèidear aca.
Tha Dòmhnall Manford ag ràdh gun robh fhios aig an MoD aig an àm gun robh iad a' dol a chur rèidear ùr an sàs air nach toireadh tuathan-gaoithe buaidh sam bith.
Chaidh a' chùis a ghairm gu Riaghaltas na h-Alba air sgàth beachd an MoD.
Tha Ministreachd an Dìon a-nis air am beachd aca a tharraing air ais.
Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil
Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh