"Feumaidh CalMac beachdachadh a-rithist"

MV Isle of Arran Image copyright CalMac
Image caption Bidh an Isle of Arran a' frithealadh Ìle mar as trice.

Feumaidh Caledonian Mac a' Bhriuthainn plana a stèidheachadh gus am bi bàta-aiseig eile an àite an MV Isle of Arran ann airson slighe Steòrnabhaigh nuair a tha an MV Isle of Lewis briste.

Sin a rèir Cathraiche Comataidh Còmhdail Chomhairle nan Eilean Siar, Iain MacAoidh.

Chaidh an Isle of Arran a chur air slighe Steòrnabhaigh air an deireadh-sheachdain, nuair a bhris an Isle of Lewis.

Tha Mgr MacAoidh ag ràdh nach eil an Isle of Arran freagarrach, is gum feum CalMac coimhead ris a' ghnothach a-rithist.

"Bha coinneamh againne ri Bhuidhinn Luchd-cleachdaidh nan Aiseagan ann an seo bho chionn dhà no thrì sheachdainnean air ais," thuirt e.

"Chaidh a h-uile càil a bha sin a chur air a' bhòrd romhpa, 's chaidh innse dhaibh dè bhathas ag iarraidh, agus thàinig iad chun a' cho-dhùnaidh nach robh an Isle of Arran a' dol a dhèanamh na cùise air an t-slighe a tha seo.

"Rinn i an t-seirbheis sin dhuinn ann an èiginn, 's tha sinn taingeil airson sin.

"Ach nam biodh i gu bhith air an t-slighe airson seachdain no dhà mar a bha i ron a seo, cha robh i freagarach idir," thuirt e.

Thuirt fear-labhairt bho Chal Mac gur e glè bheag a ghabhas dèanamh ann an suidheachadh mar seo, gu h-àraidh mun àm seo den bhliadhna agus obair-càraidh ga dèanamh air na bàtaichean thar mhìosan a' Gheamhraidh.

Thuirt e gu bheil e a' gabhail ris nach i an Isle of Arran as freagarraiche airson na slighe, ach gun do sheòl am bàta bho Ìle a Steòrnabhagh a dh'aona-ghnothach gus am biodh seirbheis ann tràth madainn Dhimàirt.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile